Putsch an Talla Leanna (1923)

Am Pàrtaidh Nadsaidheach

Ann an 1921, bha Adolf Hitler na cheannard air Pàrtaidh Luchd-obrach Sòisealta Nàiseanta na Gearmailt (Nazi).

Bha am Pàrtaidh Nadsaidheach air fàs mòr agus air barrachd taic fhaotainn fo Hitler. Bha 20,000 ball aca ro dheireadh 1922.

Amas Putsch

  • Bha na Nadsaidhean airson cur às do Riaghaltas Bhabhàiria, a bha stèidhichte ann am Munich.
  • Bha iad airson Riaghltas Weimar a chur fodha.
  • Bha taic aca bhon t-Seanalair Ludendorff.

An t-ar-a-mach

Bha prìomh luchd-poilitigs à Babhàiria, le Kahr nam measg, a' coinneachadh ann an talla leanna Buergerbraeukeller ann am Munich, air 8 Samhain 1923. Bhris Hitler agus an SA (Sturmabteilung, na brownshirts) a-steach air a' choinneimh, agus bha iad a' maoidheadh fòirneart air na bha an làthair. Chaidh an luchd-poilitigs a ghlasadh ann an rùm-cùil agus thàinig orra a ràdh gu poblach gun robh iad a' toirt taic dha na Nadsaidhean.

Dh'fhàg Hitler an talla leanna airson sùil a chumail air còmhstri eadar an SA agus Arm na Gearmailt ann am badeigein eile ann am Munich. Thug Ludendorff cead dhan luchd-poilitigs an talla leanna fhàgail. B' e mearachd a bha an sin oir chuir iad cùl sa bhad ri taic dha na Nadsaidhean. An-ath-mhadainn, mhèarrs na Nadsaidhean le Hitler agus Ludendorff os an cionn a mheadhan Mhunich. Thug na poilis agus an t-arm an aghaidh orra agus chaidh urchraichean a losgadh. Chaidh luchd-taic nan Nadsaidhean agus an SA a sgapadh.

An dèidh làimhe

Chaidh Hitler a thoirt dhan chùirt fo chasaid brathaidh.

  • Chaidh fhaighinn ciontach agus a chur dhan phrìosan airson còig bliadhna, ach fhuair e a-mach an dèidh 9 mìosan.
  • Nuair a bha e sa chùirt, chaidh aige air a mhìneachadh gu poblach gun robh e airson a' Ghearmailt a shàbhaladh bhon riaghaltas.
Pernet, Weber, Frick, Kriebel, General Ludendorff, Adolf Hitler, Bruckner, Rohm agus Wagner às dèidh an cùis-lagha
Buill de chùis a' Phutsch a chaidh an toirt gu lagh

Dh'fhàillig am Putsch, ach nochd e gun robh mòran an aghaidh Riaghaltas Weimar.

Move on to Test
next