Duilgheadasan eaconamach (1919-23)

An Fhraing a' toirt ionnsaigh air an Ruhr

Adhbhar

  • Mar thoradh air Cùmhnant Versailles a shoidhnigeadh, dh'fheumadh Riaghaltas Weimar dìoladh a phàigheadh dhan fheadhainn a bhuannaich a' Chiad Chogadh.
  • Ann an 1922, thuirt Riaghaltas Weimar nach b' urrainn dhaibh an dìoladh a phàigheadh airson nan trì bliadhna a bh' air thoiseach.
  • Bha Riaghaltas na Frainge dhen bheachd gum b' urrainn dhaibh pàigheadh, ach nach robh iad airson sin a dhèanamh.

Ionnsaigh

  • San Fhaoilleach 1923, chuir an Fhraing saighdearan a sgìre an Ruhr sa Ghearmailt.
  • Bha na Frangaich ag amas air dìoladh nach deach a phàigheadh fhaighinn dhaibh fhèin, agus ghabh iad smachd air na prìomh ghnìomhachasan agus air stòrasan nàdarra.
  • Thug Riaghaltas na Gearmailt òrdan do luchd-obrach san Ruhr a dhol air stailc.

Buaidh

Boireannach Gearmailteach a' dèanamh connadh dhen airgead agus ga chur dhan stòbha
Boireannach a' dèanamh connadh dhen airgead

Dh'adhbharaich seo mòr-atmhorachd sa Ghearmailt:

  • Chaill airgead na Gearmailt a luach cha mhòr gu tur.
  • Cha mhòr gun robh luach sam bith ann an airgead pàipeir.
  • Mar eisimpleir, bha lof a' cosg 250 marc san Fhaoilleach 1923 ach 200,000 millean marc san t-Samhain 1923.

Buaidh mòr-atmhorachd

  • B' e na Gearmailtich le airgead air a chaomhnadh a bu mhotha a chaill.
  • Dh'fhuiling na daoine a bu shine gu mòr.
  • Thug e buaidh cuideachd air Gearmailtich a bha air am pàigheadh gach mìos oir dheigheadh luach an airgid aca sìos gu mòr mus faigheadh iad an ath phàigheadh.
  • Cha robh e cho dona dhan fheadhainn a bh' air am pàigheadh gach seachdain.
  • Bha e gu math na b' fhasa do dhaoine le iasadan am pàigheadh air ais.
  • Bha biadh gann oir cha robh airgead gu leòr aig gnìomhachasan airson bathar a cheannach bho thuathanaich.
  • Bha barrachd eucoir ann agus na Gearmailtich nan èiginn.

Ann an 1924 thàinig an èiginn gu crìch nuair a chaidh airgead ùr, an Rentenmarc, a chruthachadh san t-Samhain 1923 agus le Plan Dawes san Lùnastal 1924. Bha eaconamaidh na Gearmailt a-nis an urra ri iasadan bho Ameireaga.

Bha droch bhuaidh aig mòr-atmhorachd air Riaghaltas Weimar. Bha eaconamaidh na Gearmailt a-nis an urra ri eaconamaidh nan SA. Le Briseadh Wall Street ann an 1929, chaidh eaconamaidh nan SA bho fheum, agus chaidh eaconamaidh na Gearmailt a tharraing sìos cuideachd.