Ar-a-mach nan Spartagach

San Fhaoilleach 1919, bha buidheann air an robh na Spartagaich agus a bha ri ar-a-mach airson cuir às do Riaghaltas Weimar.

Amasan nan Spartagach

Karl Liebknecht agus Rosa Luxemburg a' coiseachd còmhla air an t-sràid
Karl Liebknecht agus Rosa Luxemburg

B' e comannaich a bha sna Spartagaich agus bha iad a' creidsinn gum bu chòir cumhachd agus beairteas a bhith air an roinn gu cothromach am measg an t-sluaigh. Bha iad ag iarraidh ar-a-mach coltach ri Ar-a-mach na Ruis ann an 1917 le bhith:

  • a' cur às do riaghaltas meadhain
  • a' stèidheachadh shòibhietan, comainn luchd-obrach is shaighdearan, an àite riaghaltas meadhain ann am bailtean na Gearmailt
  • a' cleachdadh dhòighean ainneartach

B' e Karl Liebknecht agus Rosa Luxemburg a bha os cionn nan Spartagach.

An t-ar-a-mach

San Fhaoilleach 1919, chaidh 50,000 de luchd-obrach air stailc agus bha iad a' togail fianais ann am meadhan Bherlin. Chaidh an togail-fianais sin a ghabhail thairis le ceannardan nan Spartagach. Ghabh iad thairis togalaichean phàipearan-naidheachd is conaltraidh agus dh'armaich an luchd-togail-fianais iad fhèin.

Bha an riaghaltas air gluasad a' Weimar airson an t-ainneart a sheachnadh, agus chleachd iad na Freikorps airson an t-ar-a-mach a chur fodha. B' e saighdearan a chleachd a bhith san arm, agus aig an robh gràin air na comannaich, a bha sna Freikorps. Chaidh còrr is 100 neach-obrach a mharbhadh anns an t-'Seachdain Fhuilteach'.

An dèidh an ar-a-mach

  • Chaidh Karl Liebknecht agus Rosa Luxemburg a chur an grèim agus am marbhadh.
  • Ghabh na Comannaich, agus mòran de dh'obair-chlas na Gearmailt, gràin air na Sòisealaich Dheamocratach.

Thug Ar-a-mach nan Spartagach droch bhuaidh air Riaghaltas Weimar. Nuair a thòisich am Pàrtaidh Nadsaidheach air fàs na bu mhotha, bha coltas gun robh iad gu bhith nan cunnart do chumhachd an riaghaltais, ach cha b' urrainn dha na Comannaich agus dha na Sòisealaich Dheamocratach dìochuimhneachadh mun diofar a bha eatarra.