Riaghaltas Weimar

Aig deireadh a' Chiad Chogaidh, chuir an Kaiser Wilhelm II bhuaithe an crùn agus theich e dhan Òlaind. An toiseach, choinnich an riaghaltas ùr a chaidh na àite ann a' Weimar. B' ann mar sin a fhuair e an t-ainm Poblachd Weimar.

Nithean a bha math mu Riaghaltas Weimar

  • Bha cead-bhòtaidh aig gach fireannach agus boireannach a bha còrr is 20.
  • Bha saorsa cainnt is creideimh aig saoranaich na Gearmailt.
  • Bha a h-uile saoranach sa Ghearmailt gu bhith co-ionann.

Nithean nach robh math mu Riaghaltas Weimar

  • Bha a' phàrlamaid air a taghadh tro shiostam riochdachaidh cho-roinneil far am biodh muinntir na Gearmailt a' bhòtadh airson pàrtaidh. Bha sin a' ciallachadh gun deach iomadh pàrtaidh beag a thaghadh.
  • Nam biodh èiginn ann, dh'fhaodadh an ceann-suidhe smachd a ghabhail air a' Ghearmailt agus bha cunnart ann gun leigeadh seo le deachdaireachd tighinn gu bith.

Bha droch bhuaidh aig Bun-reachd Weimar air Riaghaltas Weimar. Dh'fheumadh pàrtaidhean beaga a bhith a' co-obrachadh airson a chumail a dol. Bha cunnart mòr ann gun deigheadh deachdaireachd a chruthachadh.