Son conaltradh èifeachdach bidh feum air beachdan soilleir, briathrachas iomchaidh is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Nì faireachdainn sa ghuth òraid nas inntinniche.
Tha thu air èisteachd ri Màiri a' còmhradh ris an tidsear. Seo na bha air iarraidh oirre anns a' phàirt seo den mheasadh.
Gun gabhadh i pàirt ann an còmhradh.
Gum freagradh i na ceistean.
Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aice.
Gum biodh briathrachas freagarrach aice.
Gun deigheadh a tuigsinn gu furasta.
Gun atharraicheadh i a guth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh i a' bruidhinn gus am bhiodh na bha i ag ràdh air a neartachadh.
Dè cho math 's a chaidh aig Màiri air na rudan sin a choileanadh?
Èist ris a' chòmhradh a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.
Ceistean
Question
An deach i an sàs anns a' chòmhradh?
An do fhreagair i na ceistean?
An robh beachdan ùra agus inntinneach aice?
An robh briathrachas freagarrach aice?
An deach a tuigsinn gu furasta?
An do chleachd i diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
An do dh'atharraich i a guth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh i a' bruidhinn gu h-èifeachdach?
Chaidh. Thug i mòran fiosrachaidh dhomh agus cha robh agam ri taic sam bith a thoirt dhi.
Fhreagair i gu math.
Bha. Thuirt i gur e deagh rud a th' ann nach fhaod iad èisteachd ri ceòl sa chlas. Thuirt i cuideachd gu bheil mòran aice ri ionnsachadh a thaobh a bhith a' cluich na fìdhle.
Bha. Thagh i faclan sònraichte a chuidich i gu bhith a' toirt freagairt dòigheil seachad, me ceadaichte, mar as trice, uaireannan...
Chaidh. A-rithist, bha a' Ghàidhlig glan.
Chaidh. Bha a' Ghàidhlig glan agus bha barrachd misneachd aice a bhith a' bruidhinn gu fileanta.
Chleachd. Mar eisimpleir, chan eil e ceadaichte dhuinn a bhith ag èisteachd ri ceòl sa chlas... Faodaidh sinn èisteachd... Thagh i a faclan gu math an seo.
Dh'atharraich. Bha i fiù 's na b' fheàrr air a seo anns a' chòmhradh na bha i anns an òraid.
Eisimpleir de mheasadh labhairt a dhà
Earrann-obrach C
Cruthaich mapa-inntinn dhut fhèin a-nis airson a' chuspair a leanas: