Son conaltradh èifeachdach bidh feum air beachdan soilleir, briathrachas iomchaidh is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Nì faireachdainn sa ghuth òraid nas inntinniche.
Tha thu air èisteachd ri Màiri a' toirt seachad òraid. Seo na bha air iarraidh oirre.
Gun cumadh i ris a' chuspair.
Gum biodh deagh structar aice.
Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aice.
Gum biodh a beachdan air a' chuspair soilleir agus gum biodh adhbharan aice air an son.
Gum biodh briathrachas freagarrach aice.
Nach cleachdadh i na h-aon abairtean a-rithist 's a-rithist ach gun cleachdadh i diofar dhòighean air rud a ràdh.
Gun deigheadh a tuigsinn gu furasta.
Gun atharraicheadh i a ghuth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh i a' bruidhinn gus am bhiodh na bha i ag ràdh air a neartachadh.
Dè cho math 's a chaidh aig Màiri air na rudan sin a choileanadh?
Èist ris an òraid a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.
Ceistean
Question
An do chùm i ris a' chuspair?
An robh deagh structar aice?
An robh beachdan ùra agus inntinneach aice?
An robh a beachdan soilleir agus an robh adhbharan aice air an son?
An robh briathrachas freagarrach aice?
An do chleachd i diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
An deach a tuigsinn gu furasta?
An do dh'atharraich i a guth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh i a' bruidhinn gu h-èifeachdach?
Bha. Bha e follaiseach gun robh i air beachdachadh air dè bha gu bhith na h-òraid.
Bha beachd no dhà aice air a' chuspair, me tha ceòl den a h-uile seòrsa a' còrdadh rium, cho fad 's a tha e ceòlmhor. 'S e fiosrachadh as motha a bha i a' toirt seachad ge-tà.
Bha am fiosrachadh soilleir agus bha adhbharan aice airson cuid de na bha i ag ràdh, me Air a' bhus dhan sgoil sa mhadainn cha bhi mi fhìn 's mo chàirdean a' bruidhinn - tha e ro thràth.
Bha. Thagh i faclan sònraichte a chuidich i ann a bhith a' lìbhrigeadh na h-òraid, me cluicheadair mp3, ceòlmhor, còmhlan...
Dh'fhaodadh i obrachadh air a seo. Thòisich na trì prìomh pharagrafan le Nuair a...
Chaidh. Bha a' Ghàidhlig furasta a thuigsinn. Bhruidhinn i aig astar freagarrach.
Dh'atharraich. Bha e soilleir gu bheil ceòl cudromach dhi bho na faireachdainnean a bha na guth.