Labhairt

Eisimpleir de mheasadh labhairt a h-aon

Pàirt de chòmhradh: Chan eil goireasan cur-seachad gu leòr san sgìre agam fhèin – Pàirt 2

Earrann-obrach B

Tha thu air èisteachd ri Alasdair a' còmhradh ris an tidsear. Seo na bha air iarraidh air Alasdair anns a' phàirt seo den mheasadh.

  • Gun gabhadh e pàirt ann an còmhradh.
  • Gum freagradh e na ceistean.
  • Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aige.
  • Gum biodh briathrachas freagarrach aige.
  • Gun deigheadh a thuigsinn gu furasta.
  • Gun atharraicheadh e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh e a' bruidhinn gus am bhiodh na bha e ag ràdh air a neartachadh.

Dè cho math 's a chaidh aig Alasdair air na rudan sin a choileanadh?

Èist ris a' chòmhradh a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.

Ceistean

Question
  1. An deach e an sàs anns a' chòmhradh?
  2. An do fhreagair e na ceistean?
  3. An robh beachdan ùra agus inntinneach aige?
  4. An robh briathrachas freagarrach aige?
  5. An deach a thuigsinn gu furasta?
  6. An do chleachd e diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
  7. An do dh'atharraich e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh e a' bruidhinn gu h-èifeachdach?
  1. Chaidh. Cha robh agam ri taic sam bith a thoirt dha.
  2. Fhreagair e gach ceist gu math.
  3. Bha. 'S e beachd glè inntinneach a bha aige a thaobh cò bu chòir pàigheadh airson nan goireasan.
  4. Bha. Thagh e faclan sònraichte a chuidich e ann a bhith a' lìbhrigeadh na h-òraid, me an Comhairle, cleachdaidhean mì-fhallain...
  5. Bha. Thagh e faclan sònraichte a chuidich e ann a bhith a' lìbhrigeadh na h-òraid, me sgìre iomallach, barrachd ghoireasan...
  6. Chaidh. Bha a' Ghàidhlig glan agus bha barrachd misneachd aige a bhith a' bruidhinn gu fileanta.
  7. Chleachd. Mar eisimpleir, chuir e na h-abairtean a leanas gu feum: 'tha mi den bharail', 'tha mi a' smaoineachadh'...
  8. Bha Alasdair na b' fheàrr air a seo anns a' chòmhradh. Bha e na b' fhasa dha a bhith nàdarach ann an suidheachadh còmhraidh na anns an òraid.

Eisimpleir de mheasadh labhairt a h-aon

Earrann-obrach C

Cruthaich mapa-inntinn dhut fhèin a-nis airson a' chuspair a leanas:

"Tha e nas fheàrr fuireach ann an Alba airson saor-làithean na bhith a' dol a-null thairis."

An uair sin, ullaich òraid mun chuspair.