Son conaltradh èifeachdach bidh feum air beachdan soilleir, briathrachas iomchaidh is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Nì faireachdainn sa ghuth òraid nas inntinniche.
Tha thu air èisteachd ri Alasdair a' toirt seachad òraid. Seo na bha air iarraidh air Alasdair:
Gun cumadh e ris a' chuspair.
Gum biodh deagh structar aige.
Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aige.
Gum biodh a bheachdan air a' chuspair soilleir agus gum biodh adhbharan aige air an son.
Gum biodh briathrachas freagarrach aige.
Nach cleachdadh e na h-aon abairtean a-rithist 's a-rithist ach gun cleachdadh e diofar dhòighean air rud a ràdh.
Gun deigheadh a thuigsinn gu furasta.
Gun atharraicheadh e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh e a' bruidhinn gus am bhiodh na bha e ag ràdh air a neartachadh.
Dè cho math 's a chaidh aig Alasdair air na rudan sin a choileanadh?
Èist ris an òraid a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.
Ceistean
Question
An do chùm e ris a' chuspair?
An robh deagh structar aige?
An robh beachdan ùra agus inntinneach aige?
An robh a bheachdan soilleir agus an robh adhbharan aige air an son?
An robh briathrachas freagarrach aige?
An do chleachd e diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
An deach a thuigsinn gu furasta?
An do dh'atharraich e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh e a' bruidhinn gu h-èifeachdach?
Chùm gu dìreach.
Bha. Bha e soilleir gun robh e air deagh phlanadh a dhèanamh.
Bha. Thug e seachad a bheachdan – an dà chuid air a' chuspair agus a thaobh na buaidh a tha aig dìth ghoireasan air deugairean anns a' bhaile.
Bha. Bha a bheachdan glè shoilleir. Thug e seachad adhbharan cuideachd, me chan eil gu leòr aig deugairean ri dhèanamh, mar sin tha cuid a' tòiseachadh air smocadh 's òl.
Bha. Thagh e faclan sònraichte a chuidich e ann a bhith a' lìbhrigeadh na h-òraid, me sgìre iomallach, barrachd ghoireasan...
Cha robh e cho math air seo a dhèanamh. Chleachd e an abairt saoilidh mi trì tursan. Bu chòir dha feuchainn ri abairtean diofraichte a tha a' ciallachadh an aon rud a chleachdadh, me Tha mi den bheachd, Tha mi a' smaoineachadh...
Chaidh, ged a bha e beagan stadach aig amannan.
Bha e car lag a thaobh seo. Bhruidhinn e gun mòran fhaireachdainnean. Feumaidh Alasdair obrachadh air a seo.