Sìde

Ro-ràdh

Tha grunn nithean a' toirt buaidh air an t-sìde a bhios againn: domhan-leud, tìr-chumadh, sealladh agus faid bhon mhuir.

  • Domhan-leud - 's àbhaist gum bi na h-àitichean as fhaisge air a' Chrios-meadhain nas blàithe, agus gum bi àitichean nas fhaisge air a' Phòla a Tuath agus air a' Phòla a Deas nas fhuaire.
  • Tìr-chumadh - bidh àitichean air talamh ìosal, còmhnard nas blàithe, agus bidh àitichean nas àirde, me anns na beanntan, nas fhuaire agus nas fliuiche.
  • Sealladh - tha àitichean a tha a' coimhead gu deas nas blàithe na àitichean a tha a' coimhead gu tuath, a tha nas fhuaire.
  • Faid bhon mhuir - tha àitichean a tha nas fhaisge air a' mhuir tlàth agus fliuch, agus tha àitichean nas fhaide bhon mhuir nas tioraime, ach le teòthachdan nas anabharra.