A' ceannsachadh Alba

Bha an fhearg air Eideard mu na rinn uaislean Alba, agus chuir e a' choire air an Rìgh Iain airson 's nach do chùm e smachd orra. Smaoinich e gum feumadh e rudeigin a dhèanamh agus thug e ionnsaigh air Alba.

Tachartas 1 – Sèist Bhearaig

Thàinig Eideard I thairis air Abhainn Thuaidh air 12 Màrt 1296 agus chuir e baile Bhearaig ann an Alba fo shèist. Bha gearastan làidir anns a' bhaile agus chaidh cur a dh'iarraidh fheachdan Albannach eile. Mar sin nuair a thug Eideard trì latha do mhuinntir Bhearaig airson gèilleadh cha do rinn iad ach fanaid air. Thug Eideard an t-òrdan dha na feachdan aige ionnsaigh a thoirt orra. Bha sin a' ciallachadh gun deach Bearaig a chur fodha agus chaidh 10,000 neach a mharbhadh.

Tachartas 2 – Blàr Dhùn Barra

Chaidh fear de dh'uaislean Eideird I, Iarla Warenne à Surrey a chur airson caisteal Dhùn Barra a ghlacadh dha na Sasannaich. Bha an t-iarla a bha os cionn a' chaisteil mar-thà air aontachadh gun gèilleadh an caisteal, ach thug a bhean Caisteal Dhùn Bharra dha na feachdan Albannach.

Cho-dhùin Warenne gun coinnicheadh e ri feachd na h-Alba ann am blàr faisg air a' chaisteal. Fhad 's a bha feachdan Shasainn a' gluasad, shaoil na h-Albannaich, gu ceàrr, gun robh iad air an ratreut agus thug iad ionnsaigh orra. Chaidh na h-Albannaich a chur fodha gu tur oir bha iad air a dhol às òrdugh.

Chaidh mòran dhe na h-Urrasairean agus de dh'uaislean Alba a ghlacadh. Dh'adhbhraich sin gun robh Alba gun cheannas agus chaill cuid am misneachd.

Tachartas 3 – An Rìgh Iain ga ghlacadh

Ro mheadhan an t-samhraidh, bha Eideard I air a' chuid bu mhotha de chaistealan cudromach Alba a ghlacadh, cho fada tuath ri Eilginn. Theich an Rìgh Iain gu tuath gu fearainn a theaghlaich airson fearg Eideird a sheachnadh. Bha e follaiseach nach robh fiù 's na h-uaislean aige fhèin a' toirt taic dha, agus mar sin, ghèill Iain do dh'Eideard air 10 Iuchar 1296.

Tachartas 4 – Alba a' call neo-eisimeileachd

Thug Eideard I am Baidse Rìoghail far aodach an Rìgh Iain agus an dèidh sin, chante Toom Tabard (a' ciallachadh Còta Falamh) ri Iain. Thug Rìgh Shasainn cuideachd leis seudan Crùn na h-Alba, Ròd Dubh an Naoimh Mairead agus Lia Fàil, air am biodh rìghrean Alba air an crùnadh. Bhris Eideard seula rìoghail Iain agus bha sin a' samhlachadh nach robh ùghdarras tuilleadh aig Iain. Dh'iarr e cuideachd gun deigheadh iad sin, agus sgrìobhainnean Riaghaltas na h-Alba, a thoirt a Lunnainn.

An Lia Fàil
An Lia Fàil

Tachartas 5 – An Roile Robach

San Lùnastal 1296, thug uaislean na h-Alba agus daoine cudromach eile bòid phearsanta do rìgh Shasainn. Dh'fheumadh iad na seulaichean aca a chur ri sgrìobhainn ris an canar a-nis an Roile Robach. Bha sin a' ciallachadh gun robh iad a' gabhail ri Eideard mar am mòr-uachdaran aca.

Bha Alba a-nis gu tur fo smachd Eideird I Shasainn.

Move on to Test
next