An Cogadh Anglo-Frangach agus An Cùmhnant Franco-Albannach

An Cogadh Anglo-Frangach

Ann an 1294, bha Eideard I a' dèanamh deiseil airson a dhol a chogadh ris an Fhraing. Bha a' chòir aig Eideard iarraidh air na h-uaislean aige gu lèir a dhol còmhla ris, no co-dhiù gun cuireadh iad saighdearan dhan arm aige. Ann am beachd Eideird, bha an Rìgh Iain mar fhear dhe na h-uaislean aige. Chaidh a ràdh ris an Rìgh Iain gum feumadh e fhèin agus Albannaich eile a dhol a shabaid. Bha duilgheadas an sin do dh'Alba.

  1. Bha uaislean Alba dhen bheachd gun robh Alba na dùthaich neo-eisimeileach, agus nach b' ann mar phàirt de Shasainn – bha sin a' ciallachadh nach robh càil a chòir aig Eideard I iarraidh air Albannaich sabaid air a shon.
  2. Dhiùlt uaislean Alba gabhail ris a' bheachd gum bu chòir dhan rìgh aca sabaid do Shasainn.
  3. Bhiodh e daor – chosgadh e do dh'uaislean Alba ann an cìsean agus ann an saighdearan.
  4. Bha ceanglaichean malairt làidir aig Alba ris an Fhraing agus cha robh iad airson sabaid ris na compàirtichean malairt aca.

An Cùmhnant Franco-Albannach

Cha robh uaislean Alba toilichte mu iarrtasan Eideird I, no mun rìgh aca, an Rìgh Iain, agus thug sin orra rudeigin a dhèanamh ann an 1295. Chaidh buidheann ùr de dhusan Urrasair na Rìoghachd a chruthachadh airson rudeigin a dhèanamh, agus iad dhen bheachd nach dèanadh an Rìgh Iain dad.

Chuir na h-Urrasairean teachdairean à Alba dhan Fhraing airson bruidhinn mu dheidhinn mar a dhèiligeadh iad ri Eideard I. Sa Ghearran 1296, chaidh caidreachas armailteach agus dioplomataigeach aontachadh eadar Alba agus an Fhraing. Chaidh cùmhnant a shoidhnigeadh ris an cante an Seann Caidreachas no Auld Alliance. Thuirt an cùmhnant, nan deigheadh ionnsaigh a thoirt air an Fhraing, gun tigeadh feachdan à Alba gan cuideachadh. Dhèanadh an Fhraing an aon rud nan tachradh a leithid do dh'Alba.