Eideard I mar mhòr-uachdaran na h-Alba

Chaidh Iain Balliol a chrùnadh mar Rìgh Iain na h-Alba ann an Sgàin air 30 Samhain 1292. Cho luath 's a fhuair an Rìgh Iain an crùn, bha iomadh duilgheadas roimhe:

  • Cha robh e eòlach mar neach-poilitigs, agus cha robh e ullaichte airson a bhith na rìgh.
  • Cha robh rìgh air a bhith air Alba airson sia bliadhna agus bha an siostam rianachd lag.
  • Bha mòran dhe na h-uaislean, gu h-àraidh anns na h-Eileanan Siar agus ann am fearainn Bhrus, nach do chuir taic ris a' cho-dhùnadh gum biodh Iain na rìgh.
Iain Balliol a' toirt ùmhlachd do Rìgh Eideard I
Iain Balliol a' toirt ùmhlachd do Rìgh Eideard I

Rinn mòran dhe na h-uaislean, agus Eideard I Shasainn cuideachd, cùisean gu math doirbh dhan rìgh ùr bho thoiseach riaghladh an Rìgh Iain. Thachair sin ann an iomadh dòigh:

  • Thug e air an Rìgh Iain ùmhlachd a thoirt dha, gabhail ri Eideard I mar am mòr-uachdaran aige, a' sealltainn gun robh Iain dha-rìribh os cionn Alba.
  • Chuir e fear-uasal à Sasainn, Tòmas à Hunsingore, ann an dreuchd mar ionmhasair Alba.
  • Nàraich e an Rìgh Iain le bhith ag ràdh gun èisteadh e ri gearanan laghail agus èisteachd cùirte bho uaislean Alba.
  • Ann an 1292, bha gearan laghail aig fear-buirgh Bhearaig, agus cha robh e toilichte le co-dhùnadh an Rìgh Iain. Mar thoradh air an sin, thug am fear-buirgh an gearan aige gu pàrlamaid Eideird I agus cho-dhùin Eideard gun atharraicheadh e co-dhùnadh an Rìgh Iain.
  • Ann an 1293, dh'iarr Eideard I air Macduff, Albannach eile le gearan laghail, nochdadh fa chomhair ann a' Westminster. Thuirt an Rìgh Iain ri Eideard nach robh còir sam bith aige a' chùis a chluinntinn. Mhaoidh Eideard Iain a chur an grèim agus caistealan ann an Alba a thoirt bhuaithe.
  • Thug e air an Rìgh Iain aontachadh nach robh ùghdarras aig Cùmhnant Bhirgham tuilleadh seach nach do thachair am pòsadh. Bha sin a' ciallachadh nach robh saorsa aig Alba.

Bhathar a' gabhail ri Balliol mar fhear de dh'uachdarain Eideird I seach a bhith na rìgh air dùthaich neo-eisimeileach.