Coimeasach agus feabhasach

Coimeasach agus feabhasach

Airson coimeas a dhèanamh eadar aon rud agus rud eile ann an Gàidhlig, bidh thu a' cur e ri deireadh a' bhuadhair. Uaireannan feumaidh tu i a chur a-steach ron chonnraig mu dheireadh sa bhuadhair.

Mar eisimpleir:

  • àrd - nas àirde
  • caol - nas caoile
  • daor - nas daoire
  • saor - nas saoire

Ma thu airson a ràdh gu bheil rud gun choimeas, bidh thu a' cleachdadh as an àite nas. Bidh thu ag atharrachadh structur an t-seantans cuideachd:

  • Tha Beinn Nibheis nas àirde na Sgùrr nan Gillean
  • 'S e Beinn Everest a' bheinn as àirde san t-saoghal