A' beachdachadh air bàrdachd

Co-theacsa na bàrdachd

Nuair a tha thu a' sgrùdadh bàrdachd, tha e cudromach gun tuig thu an co-theacsa san deach am pìos a sgrìobhadh. Bu chòir coimhead air beatha a' bhàird, cuin agus càit an deach a' bhàrdachd a sgrìobhadh. Dh'fhaodadh gum biodh cùl-fhiosrachadh mu eachdraidh no poilitigs cuideachail ann a bhith a' tuigsinn prìomh bheachdan a' phìos.

A' leughadh na bàrdachd

Uaireannan, nuair a tha thu a' leughadh bàrdachd, chan fhaic thu na cuspairean no na teachdaireachdan sa chiad dol a-mach. Leugh a' bhàrdachd gu mionaideach, a' dèanamh cinnteach gu bheil thu a' tuigsinn a' bhriathrachais agus abairtean sam bith a tha ùr no toinnte.

Gu math tric ann an leabhraichean bàrdachd na Gàidhlig, chì thu eadar-theangachadh sa Bheurla ri taobh na Gàidhlig. Dh'fhaodadh gum biodh sin cuideachail gu ìre, ach tha e air leth cudromach gun tuig thu am pìos sa Ghàidhlig, oir bidh eadar-dhealachaidhean beaga ann a thaobh mar a chaidh an t-eadar-theangachadh a dhèanamh. 'S mathaid gum bi co-chàradh (òrdugh nam faclan), structar no briathrachas diofraichte ann, airson 's gun obraich a' bhàrdachd ann am Beurla. Leis a sin, feumaidh tu a thuigsinn sa Ghàidhlig.

Dlùth-leughadh

Nuair a tha thu a' tuigsinn briathrachas na bàrdachd aig ìre litireil, feumaidh tu an uair sin sùil gheur a thoirt air sgilean sgrìobhaidh agus cuspairean na bàrdachd. Dh'fhaodadh e a bhith feumail dhut dath a chur air pìosan cudromach agus eisimpleirean de theachdaireachd na bàrdachd. Bhiodh e feumail leth-bhreac den bhàrdachd a bhith agad air an dèan thu notaichean mu na rudan seo. Às dèidh dhut sin a dhèanamh, thèid agad air mion-sgrùdadh agus luachadh a dhèanamh air dè cho soirbheachail 's a bha am bàrd.