Buaidh na h-Ìmpireachd air Alba

Buaidh eaconamach

Call dhaoine comasach

Dh'fhàg mòran dhen luchd-obrach foghlaimichte, sgileil agus proifeiseanta Alba gus am fortan a dhèanamh sna coloinidhean. Bha sin a' ciallachadh gun do chaill Alba daoine le sgilean luachmhor.

Cosgaisean obrach ìosal

Bha barrachd obraichean a' dèanamh in-imrich a dh'Alba. Mar thoradh air an sin, chaidh obair-dèanaimh am meud agus bha Breatainn làidir a thaobh gnìomhachais.

Coloinidhean

Chaidh malairt chèin am meud gu mòr le Albannaich a' stèidheachadh ghnìomhachasan thall thairis agus iad a' stèidheachadh cheangalan malairt ris an dùthaich aca fhèin.

Buaidh phoilitigeach

Am Pàrtaidh Làbarach

Bha mòran Èireannach an sàs ann an iomairt airson cùmhnantan obrach agus beòshlaint na b' fheàrr.

Bha John Wheatley iomraiteach aig àm Red Clydeside. Stèidhich e an Comann Sòisealach Caitligeach agus bha e na mhinistear sa chiad Riaghaltas Làbarach.

Move on to Test
next