Adhbharan airson in-imrich

Adhbharan tarraing

Alba faisg air Èirinn

Bha Alba faisg agus cha bhiodh cosgaisean siubhail cho mòr 's a bhiodh iad a dh'Ameireaga no a Chanada.

Bha càirdean aig mòran dhe na h-Èireannaich mar-thà ann an Alba agus chuidicheadh iad sin iad gus taigh agus obair a lorg.

In-imrich a' fàgail Èirinn agus a' tighinn a dh'Alba
In-imrich a' fàgail Èirinn agus a' tighinn a dh'Alba

Barrachd obrach (Èireannaich, Eadailtich agus Iùdhaich)

Bha gainnead luchd-obrach ann an Alba.

Bha mòran ghnìomhachasan ann an Alba a' tàladh nan Èireannach. Bha cuid a' pàigheadh nan cosgaisean siubhail aca agus am màl, mar Muilnean Diut Dhùn Dèagh.

Tuarastal na b' fheàrr (Èireannaich agus Eadailtich)

Bha an tuarastal ann an Alba na bu mhotha na bha e ann an Èirinn. Uaireannan bha e 6 uiread na bu mhotha.

Bha obair caran cunbhalach agus dhèanadh duine barrachd airgid.

Barrachd thaighean (Èireannaich, Eadailtich agus Iùdhaich)

Bha taighean rim faotainn ann an Glaschu is ann an Dùn Dèagh.

Bha na teanamaintean san robh na h-Èireannaich a' fuireach na b' fheàrr na bha na bothain thruagh san robh iad ann an Èirinn.

Glè thric bha taighean an cois na h-obrach.