Stèidhich e companaidh lagha soirbheachail ann an Kingston agus an uair sin ann an Toronto. Bha e a' dèiligeadh ri lagh malairt sa mhòr-chuid.
Bha e airson na diofar bhuidhnean a bha a' fuireach ann an Canada aonachadh meadhan nan 1800an.
Chaidh e an sàs ann am poilitigs ann an 1867. Chaidh a thaghadh mar a' Chiad Phrìomh Mhinistear ann an Canada agus chaidh ath-thaghadh ann an 1878. Bha e san dreuchd gus an do chaochail e ann an 1891.
Allan Gilmour
Rinn e imrich à Glaschu tràth sna 1800an.
Thog e gnìomhachas air leth soirbheachail ann am fiodh agus sna gàrraidhean-iarainn ann an Canada.
Rinn na bàtaichean mòra a dhealbh agus a thog e foratan dhan chompanaidh aige sna 1830an agus sna 1840an.
George Stephen
Rinn e imrich bho àite faisg air Banbh a Chanada ann an 1850.
Chuidich e le stèidheachadh agus ruith Rèile Canèidianach a' Chuain Shèimh (Canadian Pacific Railroad) sna 1880an.
Bha e cuideachd soirbheachail ann an roinn nam bancaichean agus chuidich sin e le maoineachadh nan rèileachan aige.