Imrichean Albannach agus leasachadh an t-Saoghail Ùir

Carson a shoirbhich le imrichean Albannach?

  • Bha iad a' creidsinn gu mòr ann an obair.
  • Bha e furasta dhaibh fàs cleachdte ri gnàth-shìde chruaidh.
  • Chruthaich iad coimhearsnachdan dhaibh fhèin agus chuidich iad a chèile.
  • B' urrainn tuathanaich Albannach an sgilean agus an eòlas a chleachdadh gus piseach a thoirt air na tuathanachasan.
  • Bha na sgilean a bha a dhìth aig an luchd-ciùirde sin airson feumalachdan eaconamach nan dùthchannan ùra.
  • B' urrainn Albannaich a bha eòlach air gnothachas, malairt, obair-banca agus gnìomhachas cothrom a ghabhail air gnothachasan ùra sna dùthchannan ùra. Bha iarraidh mhòr air sgilean dhaoine proifeiseanta (dotairean, luchd-lagha, einnseanairean, cunntasairean agus ailtirean) sna dùthchannan ùra.

Dè a' bhuaidh chultarail a thug na h-Albannaich air an t-Saoghal Ùr?

Chaidh ainmean àiteachan ann an Alba a thoirt air na h-àiteachan san do thuinich na h-Albannaich. Tha Peairt ann an Astràilia no Alba Nuadh ann an Canada nan eisimpleirean air an sin. Tha àiteachan cuideachd ann an Sealan Nuadh a tha a' sealltainn buaidh nan Albannach, mar eisimpleir Oban, Invercargill, Lumsden, Glenorchy, Gillespies Point, Stewart Island agus Lake Benmore.

Stèidhich na h-Albannaich Comainn Albannach anns gach dùthaich san do thuinich iad airson dualchas Alba a chomharrachadh. Stèidhich iad còmhlain pìobaireachd, bha iad a' cur orra èideadh Gàidhealach, a' cumail gheamachan Gàidhealach agus a' stèidheachadh Chlubaichean Burns.

Stèidhich coimhearsnachdan Albannach clubaichean goilf mar Club Goilf Chill Rìmhinn ann an New York ann an 1888.

Bidh amannan sònraichte a tha cudromach ann an Alba, mar Latha Naoimh Anndra, Oidhche Burns agus a' Bhliadhn' Ùr fhathast gan comharrachadh ann an dùthchannan far an deach na h-eilthirich Albannach, me thathar a' cumail pairèidean 'Latha an Tartain' ann an New York.