Àiteachan dhan do ghluais na h-Albannaich

Ghluais na h-Albannaich a dh'iomadh àite:

Taobh a-staigh Bhreatainn

  • Eadar 1841 agus 1931 ghluais trì chairteil a mhillean Albannach a dh'àiteigin eile san Rìoghachd Aonaichte.
  • Ghluais Gàidheil gu mòr-bhailtean gnìomhachais ann an Alba agus ann an Sasainn.
  • Ghluais mòran Albannaich a Shasainn oir bha sgilean aca a ghabhadh cleachdadh ann an tuathanachas agus ann an gnìomhachas an sin.

Na Stàitean Aonaichte

  • Bha daoine measail air na Stàitean Aonaichte san dara leth dhen 19mh linn.
  • Sna 1860an bha mu 9,500 neach a' dèanamh eilthireachd gach bliadhna.
  • Sna 1920an bha sin air èirigh gu mu 18,500 gach bliadhna.

Canada

  • Bha daoine measail air Canada san dara leth dhen 19mh linn.
  • B' ann a dh'Ontario agus a dh'Alba Nuadh a bu thrice a bhiodh na h-Albannaich a' dol.
  • Dh'fhàs Canada na bu mhòr-chòrdte na bha na SA sna 1920an.
  • Bha bailtean ùra a' fàs agus bhiodh na h-Albannaich aig cridhe an leasachaidh aca.

Astràilia

  • Ann an 1854, b' e in-imrichean à Alba an treas buidheann bu mhotha an dèidh nan Sasannach is nan Èireannach.
  • An taobh a-staigh trì bliadhna thàinig 17,000 eile agus iad air an tarraing leis an òr.
  • Ann an 1861 bha 60,701 neach a rugadh ann an Alba a' fuireach ann a' Bhictoria.

Sealan Nuadh

  • Thòisich Albannaich air a dhol a Shealan Nuadh sna 1830an, agus bha a' mhòr-chuid dhiubh ann an ceann a deas an Eilein a Deas.
  • Bha buill de dh'Eaglais Shaor na h-Alba cudromach ann am planadh an tuineachaidh ùir Dunedin, no 'Dùn Èideann Nuadh', a chaidh a sgrùdadh agus a dhealbh ann an 1846.