A' sgrìobhadh na sgeulachd agus Ath-sgrùdadh

A' sgrìobhadh na sgeulachd

'S e obair latha tòiseachadh!

'S e aon dhe na rudan as duilghe do sgrìobhadairean a bhith a' tòiseachadh! Cuiridh an duilleag bhàn eagal air sgrìobhadairean ùra cho math ri na seann eòlaichean.

Mar sin, nuair a tha am plana agad deiseil, feuch air a' chiad pharagraf a sgrìobhadh. Na gabh dragh mura bheil e a' còrdadh riut sa chiad dol-a-mach – bidh cothrom agad atharrachaidhean a dhèanamh!

Ath-sgrùdadh

Còrdaidh e ri cuid de sgrìobhadairean an sgeulachd air fad a sgrìobhadh gun a bhith a' leughadh thairis oirre gus am bi iad deiseil.

Ach, do chuid, tha e nas fheàrr a bhith a' leughadh gach paragraf a-rithist is rudan a chur ceart fhad 's a tha iad a' dol.

Nuair a tha a' chiad dreach agad deiseil, 's fhiach am pìos agad ath-sgrùdadh. Tha e feumail an sgrìobhadh agad a leughadh co-dhiù dà thuras. A' chiad turas a' coimhead gu sònraichte air litreachadh agus gràmar. Cleachd faclair no faighnich do chuideigin mura bheil thu cinnteach!

An uair sin, leugh an sgeulachd a-rithist, ach an turas seo a' coimhead air brìgh agus stoidhle. Feuch gun leugh thu an sgeulachd agad mar gur e neach-leughaidh a th' annad. Cuimhnich gu bheil an leughadair ga leughadh son a' chiad uair. A bheil a h-uile càil soilleir? A bheil gu leòr/cus tuairisgeil ann? A bheil am plot a' gluasad ro luath no ro shlaodach?

Chan eil e gu diofar dè cho cleachdte 's a tha thu ri sgrìobhadh, bidh a h-uile sgrìobhadair a' dèanamh atharrachaidhean air an obair aca. 'S e an rud as cudromaiche gum bi rudeigin agad air an dèan thu leasachadh!

Move on to Test
next