Gluasad

Dh'fheuch an riaghaltas ri dèanamh cinnteach gum biodh an sluagh cho sàbhailte 's a ghabhadh. Chaidh clann, agus na h-uiread de theaghlaichean, a ghluasad às na bailtean gnìomhachais gu bhith a' fuireach air an dùthaich. Bha dùil gum biodh iad sàbhailte an sin bho bhomadh bhon adhar.

Clann a' dol air trèana agus iad gan gluasad à Lunnainn
Clann gan gluasad à Lunnainn

Thàinig mòran bhoireannach agus mòran chloinne a dh'fhuireach air an dùthaich. Bha mòran dhen chloinn sin a' fuireach còmhla ri teaghlaichean a' mheadhan-chlas agus a' bhàrr-chlas. Chuir e iongnadh agus uabhas air mòran an staid san robh na daoine bho na bailtean gnìomhachais, gu h-àraidh a' chlann.

Glè thric bha clann nam bailtean air an èideadh ann an aodach truagh, agus uaireannan ann an ragaichean. Bhiodh iad a' fulang le tinneasan mar polio agus rickets. Bha iad gun mòran foghlaim agus a' fulang air sgàth dìth èadhar ghlan.

Bha gluasad na adhbhar air beachdan atharrachadh. Bha gluasad a' ciallachadh gun robh clann bhon obair-chlas a' measgachadh ri clann bho theaghlaichean na b' fheàrr dheth. Sheall e gun robh fìor bhochdainn fhathast sna bailtean an dèidh nan leasachaidhean toiseach nan 1900an. Thugadh daoine bhon obair-chlas agus bhon bhàrr-chlas na b' fhaisge air a chèile.