An riaghaltas agus beachdan a thaobh bochdainn

Fad an Dara Cogaidh (1939-45), bha an dùthaich air a ruith le riaghaltas anns an robh luchd-poilitigs Làbarach, Tòraidheach agus Libearalach. Chaidh Winston Churchill a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear.

Bha an riaghaltas a' gabhail barrachd gnothaich ri beatha dhaoine aig àm a' chogaidh. Bha a' mhòr-chuid toilichte gun robh an riaghaltas a' dèanamh rudeigin dhaibh, agus bha iad ag iarraidh barrachd dheth.

Thug an cogadh buaidh mhòr air mar a bha daoine beò ann am Breatainn.