Leasachaidhean gus an t-obair-chlas a chuideachadh

Achd Airgead-dìolaidh an Luchd-obrach, 1906

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

Gheibheadh a h-uile neach-obrach a-nis airgead-dìolaidh nan deigheadh an leòn aig an obair.

Dìth soirbheachaidh:

  • B' e deagh bheachd a bh' ann ach bha e doirbh agus cosgail dleastanas an fhastaidheir a dhearbhadh.
  • Bha mòran shuidheachaidhean nach b' urrainn an toirt gu cùirt às aonais taic nan Aonaidhean Ciùird.

Achd Riaghailtean nam Mèinnean Guail, 1908

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

Chan fhaodadh mèinnearan barrachd air 8 uairean a thìde obrachadh san latha.

Dìth soirbheachaidh:

Bha e a' buntainn ri mèinnearan a-mhàin; cha robh ri luchd-obrach eile.

Achd nam Bòrd Malairt, 1909

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Bùird air an stèidheachadh gus am pàigheadh a b' ìsle a b' urrainn a chosnadh a chur air dòigh ann an obair dèanamh bhogsaichean, lios, sèinneachan agus ann an tàillearachd.
  • Na bhuannachd do 200,000 neach-obrach.

Dìth soirbheachaidh:

Cha deach 'am pàigheadh a b' ìsle a b' urrainn a chosnadh' a mhìneachadh.

Achd nam Bùithtean, 1911

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Bha luchd-obrach nam bùithtean a' faighinn leth latha dheth gach seachdain.
  • Chan fhaodadh luchd-obrach nam bùithtean barrachd air 60 uair a thìde obrachadh san t-seachdain.
  • Dh'fheumadh goireasan nighe a bhith anns gach bùth.

Dìth soirbheachaidh:

B' e dìreach leth latha a bh' ann agus cha b' e latha slàn.