Leasachaidhean gus daoine gun obair a chuideachadh

Achd nan Ionadan-obrach, 1909

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Oifisean gus daoine gun obair a chuideachadh a' lorg obair.
  • Bha 430 Ionad-obrach air fosgladh ann an 1913.
  • Bha 3,000 duine san latha a' faighinn obair ann an 1914.

Dìth soirbheachaidh:

Chan fheumadh fastaidhearan obraichean bàn a chlàradh.

Achd an Àrachais Nàiseanta Pàirt 2, 1911

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

An dèidh aon sheachdain, nan cailleadh neach-obrach le àrachas obair, gheibheadh e 7 tastain san t-seachdain airson 15 seachdainean.

Airson sin fhaighinn, bha luchd-obrach a' pàigheadh 2.5d san t-seachdain, fastaidhearan 2d san t-seachdain, agus an stàit 3d san t-seachdain.

Bha mòran chiùird an sàs ann, me gàrraidhean-iarainn, innleadaireachd meacanaigeach, togail, fùirneisean iarainn, muilnean sàbhaidh. Dh'fheumadh na ciùird sin a bhith anns an sgeama.

Dìth soirbheachaidh:

  • Cha robh duine air a chòmhdach ach airson greis, a rèir na bha air a phàigheadh a-steach. An dèidh sin dh'fheumaist Lagh nam Bochd a chleachdadh.
  • Nan deidheadh an neach-obrach a chur às obair airson droch dhol-às, chan fhaigheadh e sochairean.
  • Cha robh cuideachadh ann do theaghlach an neach-obrach.
  • Cha robh àrachas ri fhaotainn ach ann an cuid de chiùird.
  • Bha e ro dhaor dhan riaghaltas an dèidh a' Chiad Chogaidh.