Leasachaidhean gus daoine tinn a chuideachadh

Achd an Àrachais Nàiseanta Pàirt 1, 1911

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

A' toirt àrachas slàinte do luchd-obrach a bha a' cosnadh nas lugha na £160 sa bhliadhna.

Bha an neach-obrach:

  • A' pàigheadh 4d. Bha am fastaidhear a' pàigheadh 3d agus an stàit 2d – airson sochair tinneis de 9 tastain.
  • Ma bha e tinn, bha an neach-obrach a' faighinn 10 tastain, airson suas ri 13 seachdainean, an uair sin 5 tastain airson 13 seachdainean eile.
  • A' faighinn leigheas meadaigeach an-asgaidh.
  • A' faighinn 30 tastan sochair màthaireil.

Dìth soirbheachaidh:

  • An dèidh 26 seachdainean far d' obair bha sochairean gan call agus dh'fheumadh Lagh nam Bochd an aire a thoirt air an neach-obrach.
  • Cha robh cuideachadh ann do theaghlach an neach-obrach.
  • Bha mòran an aghaidh gun robh aca ri rud a phàigheadh iad fhèin. Ach cha robh roghainn eile ann.