Leasachaidhean gus daoine òga a chuideachadh

Achd an Fhoghlaim (Solar Bìdh), 1906

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Biadh sgoile an-asgaidh dhan h-uile duine.
  • Chaidh an àireamh a' gabhail biadh sgoile suas bho 9 millean gu 14 millean ann an 1914.
  • Fhuair ùghdarrasan ionadail taic-airgid bho Roinn an Ionmhais a phàigheadh 50% de chosgais a' bhìdh.
  • Cha robh buidhnean carthannais a-nis an sàs ann.

Dìth soirbheachaidh:

  • Ann an 1914, bha iomadh ùghdarras ionadail nach robh fhathast a' toirt seachad biadh sgoile.
  • Bha slàinte na cloinne a' dol bhuaithe a-rithist sna saor-làithean.
  • Bha e cosgail dhan riaghaltas.

Achd an Fhoghlaim (Rianachd), 1907

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Sgrùdaidhean meadaigeach do chlann-sgoile.
  • Cead aig bùird-sgoile gluasad an aghaidh phàrantan a chuireadh clann dhan sgoil ann an droch staid.
  • Leigheas meadaigeach an-asgaidh ga thoirt do chlann-sgoile an dèidh 1912.

Dìth soirbheachaidh:

Cha robh leigheas an-asgaidh ri fhaotainn gu 1912. Fiù 's an uair sin bha iomadh ùghdarras ionadail nach robh ga dhèanamh.

Achd na Cloinne (Cùmhnant na Cloinne), 1908

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Bha clann air an casg bho bhith ag iarraidh dèirce.
  • Bha peanas a' dol air bùithtean a bha reic tombaca no deoch-làidir ri clann.
  • Chaidh Cùirtean Òigridh agus borstals a stèidheachadh gus inbhich agus clann a bha nan eucoraich a chumail air leth.
  • Chaidh cur às do bhinn bàis do chlann.

Dìth soirbheachaidh:

  • Glè bheag de shoirbheachadh le tombaca agus deoch-làidir, fiù 's an-diugh.
  • Cha do rinn Cùmhnant na Cloinne mòran airson dèiligeadh ri adhbharan airson eucoir òigridh.