Leasachaidhean gus seann daoine a chuideachadh
Achd Peinnsean nan Seann Daoine, 1908
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- Gheibheadh daoine a bha còrr is 70 bliadhna agus le tuarastal de £21-£31 sa bhliadhna peinnsean (1-5 tastan san t-seachdain).
- Ann an 1914, bha millean neach a' faighinn peinnsean.
Dìth soirbheachaidh:
- Bha mòran pheinnseanairean aig nach robh teisteanas breith a dhearbhadh an aois.
- Cha robh daoine a bha cosnadh còrr is £31 a' faighinn càil.
- Cha robh am peinnsean mòr gu leòr airson a bhith beò air.
- Bha mòran a' bàsachadh le cruadal mus robh iad 70.
Airson peinnsean fhaighinn:
- Dh'fheumadh tu bhith nad Bhreatannach agus a bhith a' fuireach san RA airson 20 bliadhna.
- Chan fhaodadh tu bhith sa phrìosan sna deich bliadhna roimhe sin.
- Chan fheumadh tu bhith air obair a sheachnadh.
- Chan fhaodadh tu bhith air do dhìteadh fo Achd nam Misgearan sna deich bliadhna roimhe sin.