Èisteachd

Aithris naidheachd

Smaoinich mun earrainn air fad.

Question

Nad bheachd, càit an cluinneadh tu a leithid air aithris?

- Ann an òraid

- Aig coinneimh

- Air an rèidio

Air an rèidio.

Tha stoidhle na h-aithris fiosrachail seach beachdail. Tha an stoidhle cuideachd foirmeil. Bhiodh beachdan a' nochdadh ann an aithris agus aig coinneimh. Bhiodh còmhradh aig coinneimh agus cha bhiodh an stoidhle cho foirmeil.

Question

Nad bheachd, dè seòrsa aithris a bha seo?

- Aithris naidheachd

- Aithris spòrs

- Aiste mu shaor-làithean

Aithris-naidheachd.

Ged a tha iomradh air a thoirt air saor-làithean, 's e prìomh adhbhar na h-aithris a bhith ag innse mu na trioblaidean a tha bhanaichean-campaidh agus carbadan-dachaigh ag adhbhrachadh do mhuinntir an Eilein Ghuirm.

Question

Inns dè cho soirbheachail 's a bha an aithris seo nad bheachd-sa agus carson.

Ma thèid faighneachd dhut mu cho soirbheachail 's a bha teacsa, bu chòir dhut beachd pearsanta a thoirt seachad agus do beachd a mhìneachadh.

Mar eisimpleir: Bha i glè shoirbheachail. Dh'inns an aithris dhomh mun trioblaid a tha ann, beagan eachdraidh mu deidhinn, agus beagan mun t-slighe air adhart.

Move on to Test
next