Èisteachd

Aithris naidheachd

Question

Cia mheud làrach-campachaidh a tha air an eilean?

Chan eil ach aon làrach-campachaidh air an eilean.

Question

Dè na trioblaidean a tha ann a thaobh seo?

Chan eil ann ach leth-cheud àite airson bhanaichean-campachaidh no carbadan-dachaigh. Le sin, tha trioblaidean ann a thaobh càite am bu chòir do na daoine nach eil a' faighinn a-steach dhan làraich-champachaidh a dhol.

'S e am facal trioblaidean a bheir cuideachadh dhuinn am fiosrachadh a lorg bhon earrainn.

Question

Dè na goireasan a tha dhìth air an eilean?

Chan eil bionaichean gu lèor ann; chan eil taighean-beaga gu leòr ann agus chan eil uisge gu leòr ann.

'S iad na faclan a' dèanamh soilleir cho gann 's a tha goireasan airson luchd-turais a bheir cuideachadh dhuinn am fiosrachadh a lorg anns an earrainn.

Question

Carson a tha Eileanan Thròdaigh agus Bheannsaigh air an ainmeachadh?

Tha an aon thrioblaid acasan 's a tha aig an Eilean Ghorm.

'S iad na faclan Tròdaigh agus Beannsaigh a bheir cuideachadh dhuinn am fiosrachadh a lorg anns an earrainn.

Question

Cò ris a tha muinntir an Eilein Ghuirm a' dol a bhruidhinn?

Dh'aontaich na bha an làthair gum bu chòir bruidhinn ris a' Chomhairle.

Tha bruidhinn a' toirt stiùireadh dhuinn gum bi am fiosrachadh faisg air an fhacal sin.