Èisteachd

Aithris naidheachd

Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean èisteachd a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 4. Tha an earrann stèidhichte air na meadhanan.

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean.

Ceistean

Question

Dè thachair an-dè anns an Eilean Ghorm?

Bha coinneamh phoblach ann an-dè.

'S e am facal an-dè a tha toirt stiùireadh dhuinn airson freagairt na ceiste. Le sin bidh sinn a' coimhead airson fiosrachadh bhon earrainn a tha gu math faisg air an fhacal seo.

Question

Dè dh'adhbhraich an cruinneachadh seo?

Bhanaichean-campachaidh 's carbadan-dachaigh.

Question

Dè an coimeas a tha ann eadar an-uiridh agus am-bliadhna?

An-uiridh thadhail ceud dhiubh air an eilean - as t-samhradh am-bliadhna thadhail trì cheud. 'S e àrdachadh de trì cheud às a' cheud a tha seo.

'S iad na faclan an-uiridh agus am-bliadhna a bheir cuideachadh dhuinn freagairt a lorg on earrainn.

Question

Dè an àireamh dhiubh a tha ceadaichte tighinn air an eilean an-dràsta?

Chan eil bacadh air an àireamh a tha ceadaichte tighinn air an eilean an-dràsta.

'S iad na faclan an àireamh agus ceadaichte a bheir cuideachadh dhuinn tuigsinn càite a bheil am fiosrachadh anns an earrainn.

Question

Inns dà àite far an robh iad a' parcadh?

Far an rathaid air a' mhachair.

Air fearann nach eil air fheansadh.

Anns na h-àiteachan-parcaidh poblach.

'S e am facal parcadh a bheir cuideachadh dhuinn am fiosrachadh a lorg.