Thug a’ Chiad Chogadh buaidh air poilitigs. Bha mnathan an Alba ag iomairt son chùisean na b’ fheàrr. Thàinig ‘Red Clydeside’ gu bith.
Dè a’ mhìos ann an 1915 san do thòisich Comann Taigheadais Bhoireannach Ghlaschu a’ cur an aghaidh àrdachadh sa mhàl?
An Gearran
An t-Ògmhios
An t-Samhain
Dè bh’ ann an Achd Cuingealachaidh a’ Mhàil?
Achd a thuirt nach fhaodadh cus dhaoine a bhith a’ fuireach ann an taigh.
Achd a thuirt nach fhaodadh ach àireamh àraidh de dhaoine am màl a thogail.
Achd a thuirt nach fhaodadh am màl air a bhith barrachd air sùim àraidh.
Dè tha na litrichean CWC a’ ciallachadh?
Clyde Workers Committee
Clydeside Wants Communism
Clyde Workers Commune
Dè an deit air an robh còmhstri agus ùpraid ann an Ceàrnag Sheòrais nuair a chaidh stailc agus fianais a thogail ann an Glasachu?
11 Faoilleach 1919
21 Faoilleach 1919
31 Faoilleach 1919
Thug Achd an Ath-leasachaidh 1918 a’ bhòt do dh’fhireannaich a bha os cionn aois àraidh. Dè an aois?
Còrr is 21
Còrr is 30
Còrr is 45
Thug Achd an Ath-leasachaidh 1918 a’ bhòt do bhoireannaich a bha os cionn aois àraidh. Dè an aois?
Còrr is 18
Dè tha na litrichean DORA a’ ciallachadh?
Defence Orders Royal Act
Defence of the Royal Assembly
Defence of the Realm Act
Dè am pàrtaidh a chùm a’ faighinn taic bhon mheadhan-chlas sna bailtean agus sna mòr-bhailtean?
Am Pàrtaidh Làbarach
Am Pàrtaidh Liberalach
Am Pàrtaidh Tòraidheach
Dè na cùisean air an robh an Pàrtaidh Làbarach Neo-eisimeileach, (ILP: Independent Labour Party) agus am Pàrtaidh Làbarach a’ bualadh san iomairt aca?
A’ togail na h-Ìmpireachd agus ag ath-armachadh nam feachdan.
Foghlam agus Cùram Slàinte
Taigheadas agus Slàinte
Ann an taghadh 1918 cò am pàrtaidh a fhuair an treas cuid dhe na bhòtan ann an Alba, agus a bha air àite nan Liberalach a ghabhail mu mheadhan nan 1920an mar aon dhen dà phàrtaidh phoilitigeach mhòr san dùthaich?
Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba