Smuaintean mu chogadh: na ceistean a' leantainn

Question

6. An urrainn dhut innse san fharsaingeachd do dhaoine eile mu na leugh thu?

Is urrainn. Tha an aiste mu chogadh san fharsaingeachd, mu nithean co-cheangailte ri cogadh agus mun bhuaidh a dh'fhaodas a bhith aig cogadh air daoine/dùthchannan.

No

Chan urrainn. Chan eil ùghdar na h-aiste a' toirt co-dhùnadh dhuinn mu cheartas no mu olc a' chogaidh.

Question

7. Dè, nad bheachd-sa, na faireachdainnean bu làidire a nochd anns na leugh thu?

Gu bheil ùidh aig an ùghdar anns a' chuspair.

Gu bheil e ag iarraidh oirnn fhìn co-dhùnadh a dhèanamh mun ghnothaich.

Question

8. Dè do bheachd air mar a tha an t-ùghdar a' cur crìoch air an aiste?

Tha crìoch na h-aiste freagarrach oir tha an t-ùghdar a' cuimhneachadh orrasan a bhuilich saorsa oirnn tro chogadh.

No

Chan eil a' chrìoch freagarrach oir tha an t-ughdar fhathast a' ceasnachadh an e olc no ceartas a gheibh buaidh ann an cogadh.

Question

9. A bheil thu a' smaoineachadh gun robh an aiste:

(a) inntinneach

(b) dùrachdach

(c) sgileil?

Inns carson.

(a)(i) Bha i inntinneach oir tha i ag innse mu chogadh bho dhà shealladh.

No

(a)(ii) Cha robh i inntinneach oir chan eil ùidh aig mòran an-diugh ann an cogadh.

(b)(i) Bha i dùrachdach oir tha ùidh aig an ùghdar sa chuspair.

No

(b)(ii) Cha robh i dùrachdach oir chan eil beachdan làidir mu chogadh a' nochdadh innte.

(c)(i) Bha i sgileil oir tha an t-ùghdar a' cur caochladh bheachdan far comhair.

No

(c)(ii) Cha robh i sgileil oir chan eil fiosrachadh no beachdan gu leòr innte.

Move on to Test
next