Smuaintean mu chogadh: ceistean air an earrainn

Freagair na ceistean a leanas.

Question

1. An do dh'atharraich thu d' inntinn mu chogadh an dèidh dhut Smuaintean mu chogadh a leughadh? Inns carson.

Dh'atharraich. Tha mi a-nise a' faicinn carson uaireannan a tha feum air cogadh (gu bheil cogadh ceart) agus carson uaireannan nach eil feum air cogadh (gu bheil cogadh ceàrr).

Question

2. Ciamar a tha an t-ùghdar a' cothromachadh bheachdan airson agus an aghaidh cogadh?

Tha e a' feuchainn ri dà thaobh a' ghnothaich a chur an cèill.

Question

3. Dèan geàrr-chunntas air na puingean a tha e a' cur an cèill an aghaidh cogadh.

Chan eil e cinnteach gu faigh ceartas buaidh thairis air olc. Tha feadhainn den bheachd gu bheil cogadh ceàrr gu moralta.

Question

4. Dèan geàrr-chunntas air na puingean a tha e a' cur an cèill mar thaic do chogadh.

Feumaidh daoine/dùthchannan iad fhèin a dhìon an aghaidh ainneart. Tha saorsa air leth luachmhor do dhaoine is do dhùthchannan.

Question

5. Dè cho làidir 's a tha beachdan an ùghdair airson no an aghaidh cogadh?

Chan eil e a' sparradh a bheachdan oirnn airson no an aghaidh cogadh.

Lean ort chun nan ceistean air an ath dhuilleig.