Smuaintean mu chogadh

Leugh an earrann agus feuch air na ceistean.

Tha eachdraidh a' chogaidh a’ dol air ais thar mhìltean de bhliadhnaichean. Anns an linn mu dheireadh, tha teicneòlas a' chogaidh air leudachadh gu mòr agus a chomas air sgrios air sìor fhàs. Tha caochladh adhbharan ann airson cogadh. Feumaidh taic an t-sluaigh, taic nam feachdan cogail agus taic an luchd-riaghlaidh a bhith aig dùthaich mus beachdaich iad air a dhol an sàs ann an cogadh. Tha cùisean ionmhais agus cùisean cràbhachd, cuide ri cumhachd is pròis is pearsantachd glè thric an lùib cogadh cuideachd. Ach tha aon rud nach eil ag atharrachadh – is e sin sgrios air seilbh 's air beatha dhaoine.

Bidh feadhainn a' smaoineachadh gu bheil còirichean nàdarrach acasan a tha nas làidir na tha aig feadhainn a tha nas laige. Agus airson na nithean sin fhaighinn, bidh iad a' cleachdadh ainneart is cumhachd. Tha iad a' feuchainn ri rian a chumail sa choimhearsnachd ionadail mar leisgeul airson cogadh. Air sgàth nàdar an duine, a bheil e comasach cogadh a sheachnadh? Is dòcha gu bheil ar n-eachdraidh a' teagasg dhuinn nach eil.

A-nise tha corra chultar ann a tha gu tur às aonais cogadh. Ach is e a theireadh cuid nach eil a leithid de rud ri sìth idir ann, agus gu bheilear a' cleachdadh ùine, a mheasar mar shìth, gu bhith ag ullachadh airson cogadh. Tha e inntinneach gur e glè bheag de chogaidhean a tha ag èirigh bho mhiann a' phobaill chumanta a dhol a shabaid. A dh'aindeoin sin, thèid daoine a shabaid gu saor-thoileach, mar is tric a chunnaic sinn – seòrsa de dhleastanas annasach, 's dòcha, gam brosnachadh gu bhith an sàs. Ach glè thric, san là a th' ann, 's ann an aghaidh an toile a tha an sluagh air an tarraing a-steach gu cogadh.

Rè nan linntean, agus gu dearbha fhathast, chaidh mòran cheistean cudromach moralta a thogail mu chogadh. Ged a bha cuid de dhùthchannan a' meas cogadh mar nì uasal, tha na ceistean moralta a' leudachadh. An-diugh tha feadhainn a' meas a' chogaidh mar nì nach eil soirbheachail agus a tha ceàrr gu moralta. Ach tha gu leòr a' smaoineachadh gu bheil ullachadh airson, agus deòin a dhol an sàs ann an cogadh riatanach airson dùthchannan a dhìon, agus mar sin gum faod cogadh a bhith cothromach.

Tha diofar adhbharan aig saighdearan is eile ann a bhith a' sabaid ann an cogadh. Air an dàrna làimh, bidh feadhainn a' dol an sàs ann an gnìomhan a leithid mòr-mharbhadh agus murt-cinnidh. Air an làimh eile, bithear uaireannan a' sgur a shabaid airson uidheam-dìon ath-thogail, agus leòintich a lorg, uaireannan le saighdearan gan cur fhèin ann an cunnart airson leòintich, eadhon nàimhdean leòinte, a lorg. Chuala sinn uile mun stad-losgaidh shaor-thoileach a ghabh àite aig an Nollaig sa Chogadh Mhòr.

Is dòcha nach tuig cuid carson nach eil sìth mhaireannach eadar dhaoine is dhùthchannan. Ach tuigear gu bheil ar saorsa air leth luachmhor, agus nuair a dh'fheuchas cuideigin eile ri ar saorsa a thoirt bhuainn gur fhiach i a dìon, dhuinn fhìn agus do ghinealaichean ri teachd, a dh'aindeoin sgrios is call beatha. Agus tha eachdraidh na dìon sin gu sònraichte làn de euchdan gaisgeil dhaoine a chuir iad fhèin ann an cunnart, agus a ghèill don bhàs, air ar sgàth. Tha e inntinneach, agus na shùileachan, a bhith a' leughadh chunntasan nam fear 's nam ban a fhuair às lem beatha.

Tha smuaintean gu leòr a' tighinn am follais bhuapasan a bha agus a tha an sàs san t-sabaid. Ma bheachdaicheas sinn, mar eisimpleir, air bàrdachd cogaidh a sgrìobh na saighdearan is eile, chì sinn gu bheil iad air dìleab luachmhor de litreachais fhàgail againn. Chaidh a ràdh gur i a' bhàrdachd a chaidh a sgrìobhadh leothasan a bha an sàs sna Cogaidhean Mòra bàrdachd cho ionmholta 's a th' againn nar litreachas. Agus tha e doirbh a dhol às àicheadh sin – smuaintean, ìomhaighean, feallsanachd, faireachdainnean agus dòchas.

Is dòcha gur ann air cuairt sa chladh a bhuaileas meud mhòr na h-ìobairt oirnn. Sin far a bheil leacan a' comharrachadh mòran ghaisgeach, uile aithnichte do Dhia ged tha feadhainn nach eil aithnichte do dhaoine. Nach lìonmhor na ceistean a tha cogadh a' togail, ceistean mu bheatha 's mu bhàs, ceistean mu shaorsa 's mu aintighearnas, ceistean mu nàdar agus amasan an duine.

Tha cuid againn fortanach nach buin sinn do ghinealach a dh'fhiosraich cogadh gu pearsanta. Ge air bith dè na beachdan a bh' aig na daoine a bha a' sabaid, uaireannan a' call 's uaireannan a' buannachadh, bha an smuaintean fhèin aca uile. Seo mar a chuir am bàrd Èireannach e, agus e a' coimhead roimhe gu a bhàs fhèin gu h-àrd am measg nan sgòthan: Chan eil fuath agam dhaibh-san ris a bheil mi a' sabaid; chan eil gràdh agam orrasan a tha mi a' dìon. Is iongantach mur an robh iomadh fear is tè a' faireachdainn mar sin.

Tha ceist mhòr an lùib a' chogaidh: A bheil buil a' chogaidh daonnan a' ciallachadh gum faigh ceartas buaidh air an olc? Is math dhuinne gu bheil sinn saor. Gu bràth cha phàigh sinn iadsan a bhuilich ar saorsa oirnn – ach le bhith a' cuimhneachadh a-mhàin.

Lean ort chun nan ceistean air an ath dhuilleig.