Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean.
Mus tòisich thu:
Cò tha a' toirt dhuinn naidheachdan spòrs an latha?
Pàdraig Mac a' Ghobhainn.
Dè tha tachairt san Eadailt Disathairne seo tighinn?
Tha Sgioba Rugbaidh na h-Alba a' cluich an aghaidh na h-Eadailt aig Stadio Flaminio anns an Eadailt.
Ma tha trì comharran ri fhaotainn airson na ceist seo, feumaidh tu pìos fiosrachaidh mu choinneamh gach comharra.
Co ris a tha na h-Eadailtich a' coimhead air adhart?
Treudan de dh'Albannaich ann am fèilidhean agus lèintean rugbaidh NO Treudan de dh'Albannaich a' coiseachd tro shràidean na Ròimhe.
Ma tha dà chomharradh ri fhaotainn airson na ceist seo, feumaidh tu dèanamh cinnteach gu bheil na mion-phuingean agad. Chan fhaigh thu dà chomharra airson a bhith ag ràdh: Na h-Albannaich.
Dè thuirt Uilleam Scott?
Thuirt e gun robh e a' coimhead air adhart ris a' ghèam agus gun robh deagh chothrom aig na h-Albannaich buannachadh.
Ma tha dà chomharra ri fhaotainn ann an seo, feumaidh tu an dà mhion-phuing a thoirt seachad.
Dè a' cho-fharpais a ghabh àite Disathairne seo chaidh?
Cuairt dheireannach Cupa MhicThàbhais.
Cuimhnich gu bheil a' cheist a' faighneachd, Dè a' cho-fharpais? agus chan e cò bha cluich?