A' cruinneachadh gu àireamh shònraichte de ionadan deicheach

Ann an iomadh obrachadh bidh dùil gun cruinnich thu gu àireamh shònraichte de ionadan deicheach.

Eisimpleir

Cruinnich \(3.168\) gu ionad deicheach.

Tha \(3.168\) ceart gu trì ionadan deicheach bhon a tha trì figearan an dèidh na puing dheichich.

Mas e còig no nas motha a tha san àireimh aig an ath ionad dheicheach, cuir 1 ris a' phuing dheichich roimhe.

Ann an \(3.168\) 's e còig no nas motha a th' aig an treas puing dheichich.

Mar sin, ann an \(3.168\) cruinnichidh sinn suas gu \(3.17\) (gu dà ionad dheicheach).

Feuch a-nis na ceistean seo.

Question

Cruinnich \(17.839\) gu aon ionad deicheach.

Ma tha an àireamh aig an ath ionad deicheach nas lugha na còig, fàg a' phuing dheicheach mar a tha i.

Ann an \(17.839\), tha an àireamh aig an dara puing dheichich nas lugha na còig.

Mar sin, bidh sinn a' cruinneachadh \(17.839\) sìos gu \(17.8\) (gu aon ionad deicheach).

Question

Sgrìobh \(\frac{9}{{13}}\) mar dheichead gu 3 ionadan deicheach.

\[\frac{9}{{13}} = 9 \div 13 = 0.6923076\]

Ann an \(0.6923076\), tha an àireamh aig a' cheathramh puing dheichich nas lugha na còig.

Mar sin, bidh sinn a' cruinneachadh \(0.6923076\) sìos gu \(0.692\) (gu 3 ionadan deicheach).

Question

Obraich a-mach \(\sqrt {8.9}\) mar dheichead gu 1 ionad deicheach.

\[\sqrt {8.9} = 2.9832868\]

Ann an \(2.9832868\), tha an àireamh aig an dàrna puing dheichich nas motha na còig.

Mar sin, bidh sinn a' cruinneachadh \(2.9832868\) suas gu \(3.0\) (gu 1 ionad deicheach).

Move on to Test
next