A' cruinneachadh gu àireamhan slàna agus gu deichean

Ann an iomadh obrachadh bidh dùil gun cruinnich thu do fhreagairt chun na h-àireimh shlàin as fhaisge no chun an deich as fhaisge.

Eisimpleir

Sgrìobh 38.7 chun na h-àireimh shlàin as fhaisge.

Number line showing 38, 38.5 and 39.  38.7 is marked with a bead.

Tha 38.7 eadar 38 agus 39.

Tha 38.7 nas fhaisge air 39 na air 38.

Mar sin, 38.7 = 39 (chun na h-àireimh shlàin as fhaisge.)

Feuch a-nis na ceistean seo.

Question

Sgrìobh 6.5 chun na h-àireimh shlàin as fhaisge.

Tha 6.5 eadar 6 agus 7.

Number line from 6 to 7, showing 6.5 as mid-way.

Tha 6.5 letheach eadar 6 agus 7.

Nuair a thachras seo, bidh sinn daonnan a' cruinneachadh suas.

Mar sin, 6.5 = 7 (chun na h-àireimh shlàin as fhaisge.)

Question

Cruinnich 103.4 chun an deich as fhaisge.

Tha 103.4 eadar 100 agus 110.

Number line from 100 to 110, showing 105 as midway.  A bead marks 103.4.

Tha 103.4 nas fhaisge air 100 na air 110.

Mar sin, 103.4 = 100 (chun an deich as fhaisge).