Factar cumanta

Gus factaradh a dhèanamh air abairt, ath-sgrìobh i mar thoradh-iomadachaidh de fhactaran.

Ma smaoinicheas tu air ais gu bhith a' toirt chamagan air falbh, 's e am freagairt a-nis a' cheist agus 's e a' cheist a-nis am freagairt.

Faodaidh sinn faighneachd, 'Dè bh' ann mus deach na camagan a thoirt air falbh?'

Nuair a bhios tu a' factaradh, tha e math na camagan iomadachadh a-mach aon uair 's gu bheil freagairt agad gus faighinn a-mach a bheil am freagairt a' maidseadh na ceist.

Mura bheil, bidh fios agad gu bheil rudeigin ceàrr.

Eisimpleir

Factaraich \(10 + 4x\)

An toiseach, lorg am factar cumanta as àirde (FCÀ) aig \(10\) agus \(4x\).

Innsidh seo dhuinn dè an teirm a thèid air taobh a-muigh nan camagan.

'S e am Factar Cumanta as Àirde (FCÀ) = 2.

\[10 + 4x = 2(... + ...)\]

Airson na teirmean a bhios taobh a-staigh nan camagan a lorg, obraich a-mach \(2 \times ? = 10\) agus an uair sin \(2 \times ? = 4x\).

Sin \(5\) agus \(2x\)

Mar sin \(10+4x=2(5+2x)\)

Cuimhnich gun iomadaich thu a-mach na camagan a-nis airson dèanamh cinnteach gu bheil am freagairt ceart.

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Factaraich \(6a - 9\)

Mar sin 's e 3 am Factar Cumanta as Àirde (FCÀ).

\[6a - 9 = 3(2a - 3)\]

Question

Factaraich \(15 + 10x\)

\[= 5(3 + 2x)\]

Question

Factaraich \(x^{2}+5x\)

'S e \(x\) am factar cumanta.

\[=x(x+5)\]

Question

Factaraich \(3{a^2} - 12a\)

'S e 3a am factar cumanta.

\[= 3a(a - 4)\]

Question

Factaraich \(20xy - 6x\)

\[= 2x(10y - 3)\]

Question

Factaraich \(20{y^2} - 5y\)

\[= 5y(4y - 1)\]