Dùthaich ag atharrachadh

Tràth sna 1980an, bha a' mhòr-chuid de mhuinntir Shìona a' fuireach air an dùthaich agus bha dòigh-beatha thraidiseanta aca. Bha am beatha cruaidh, agus cha robh mòran aca. 'S e glè bheag de dhaoine beairteach a bh' ann.

On uair sin, chaidh na ceudan mhilleanan dhaoine a thoirt bho bhochdainn (ged nach eil neach àbhaisteach à Sìona sa chumantas cho beairteach ri neach àbhaisteach à Alba). Tha an àireamh a tha beairteach no glè bheairteach air a dhol suas gu mòr cuideachd.

Carson a dh'fhàs mòran Shìonach nas beairtiche?

Cha b' àbhaist gun robh Sìona a' cur fàilte air gnothachasan prìobhaideach (fa leth) no air gnothachasan à dùthchannan eile. Aig an àm ud cha robh riaghaltas Shìona a' creidsinn gun robh gnothachasan prìobhaideach (calpachas) math do Shìona.

Nuair a chaidh an Ceann-suidhe Deng Xiaoping os cionn na dùthcha, bhrosnaich e gluasad air falbh bho chomannas agus dh'fhosgail e Sìona do mhalairt chèin. Ghluais companaidhean eadar-nàiseanta mar Ford Motors agus Coca Cola a-steach a Shìona san spot. Thòisich iad a' fastadh dhaoine ann am factaraidhean ùra. Bha an tuarastal aca trì no ceithir uiread na gheibheadh iad ag obair air an dùthaich. Chaidh daoine cuideachd a bhrosnachadh gu bhith a' tòiseachadh ghnothachasan iad fhèin, no còmhla ri daoine eile, sna mòr-bhailtean no sna bailtean beaga san robh iad a' fuireach.

An-diugh, tha an gnothachas fhèin aig iomadh duine ann an Sìona, no tha iad ag obair do chompanaidhean soirbheachail, eadar-nàiseanta. Tha Zhang Yin air boireannach cho beairteach 's a th' air an t-saoghal. Tha i na billeanair an dèidh gnìomhachas ath-chuairteachadh pàipeir a stèidheachadh. Tha eaconamaidh Shìona a-nis co-ionann ris na Stàitean Aonaichte a thaobh a bhith a' cruthachadh beairteas.