Seanfhacail anns a bheil coin a' nochdadh

Tha iomradh air coin ann an grunn seanfhacail. Èist ri gach abairt. Tomhais a' bhrìgh mus èist thu ris a' mhìneachadh.

Cù a' laighe air an talamh a' coimhead brònach
Cù air a chronachadh?

Question

Is ladarna gach cù air a shitig fhèin.

Tomhais brìgh an t-seanfhacal seo mus èist thu ris a' mhìneachadh.

Is ladarna gach cù air a shitig fhèin

Taic:

ladarna - dàna

sitig - a' ciallachadh raon a-muigh san eisimpleir seo. Tha ciall eile aig am facal cuideachd, càrn de dh'inneir beathaich.

Mìneachadh: Tuigidh a' chuid as motha againn dè tha seo a' ciallachadh. Ma tha thusa aig do dhòras fhèin, bidh thu nas buailtiche a bhith làn misneachd is eile agus bidh thu gu math dòigheil ann a bhith a' dèanamh breith air dè nì thu no dè nach eil thu ag iarraidh a dhèanamh.

Ach ma tha thusa an àiteigin eile, chan eil na h-uimhir a thaghadh agad aig taigh chuideigin, no aig taigh-òsta, no dìreach aig sitig duine eile mar gum biodh, chan eil thu ann an suideachadh na h-uimhir de shaorsa a bhith agad airson cuide de rudan a dhèanamh co-dhiù. Chan e d' àite fhèin a th' ann.

Mar sin nuair a tha thu aig do dhachaigh fhèin tha làn shaoirsinn agad an rud a thogras tu fhèin a dhèanamh - Is ladarna gach cù air a shitig fhèin.

Question

Is fheàirrde cù cù a chronachadh.

Tomhais brìgh an t-seanfhacal seo mus èist thu ris a' mhìneachadh.

Is fheàirrde cù cù a chronachadh

Taic: cronachadh - trod

Mìneachadh: Is fheàirrde cù cù a chronachadh. Smaoinich air dà chù còmhla, aon fhear air a chronachadh agus a' fear eile a' faireachdainn toilichte nach e e fhèin a fhuair an trod, ged 's dòcha gu robh e a cheart cho ciontach ris an fhear eile.

Dh'fhaodadh an aon rud a bhith fìor mu dheidhinn dithis bhalach no dithis nighean - Is fheàirrde cù cù a chronachadh.

Move on to Test
next