Seanfhacail anns a bheil cait a' nochdadh

Tha iomradh air cait ann an grunn seanfhacail. Èist ri gach abairt. Tomhais a' bhrìgh mus èist thu ris a' mhìneachadh.

Cat a' coimhead ri iasg tro sgrion tbh
Cha dèan cat miotagach sealg

Question

Cha dèan cat miotagach sealg.

Tomhais brìgh an t-seanfhacal seo mus èist thu ris a' mhìneachadh.

Cha dèan cat miotagach sealg

Taic: miotagach - làmh (no spòg san eisimpleir seo) air a bheil miotag

Mìneachadh: Cha dèan cat miotagach sealg. Uill tha seo nuair a tha aodach ort nach eil buileach freagarrach airson dè an obair a tha thu gu bhith a' dèanamh. Cha dèan cat miotagach sealg. Gu dearbh, cha bhiodh an cat buileach sgileil air na luchainn a ghlacadh ma bha miotagan air na spògan aige.

Agus bhiodh sinn fhìn caran anns an aon t-suidheachadh nam biodh ribeagan a' falbh anns an rathad oirnn is sinn a' feuchainn ri rudeigin a dhèanamh. Is tuigidh sibh dè seòrsa suidheachadh san cleachdamaid an seanfhacail - cha dèan cat miotagach sealg.

Question

Tilgeil a' chait dhan t-sabhal.

Tomhais brìgh an t-seanfhacal seo mus èist thu ris a' mhìneachadh.

Tilgeil a' chait dhan t-sabhal

Taic: sabhal - togalach air thuathanas no air croit anns am bi beathaichean is innealan

Mìneachadh: Chante seo mar eisimpleir mu dhuine a fhuair obair a bha anabarrach math is fàbharach dha. Cùisean a' dol gu math.

Bha e mar an cat a gheibheadh dhan t-sabhal far am biodh a h-uile dad a mhiannaicheadh e, an cat 's e sin, luchainn airson biadh, connlach agus fodar airson blàths agus airson leabaidh agus mar sin air adhart. Bha a h-uile sian aige a bha e ag iarraidh - tilgeil a' chait dhan t-sabhal.

Question

Sreap a' chait ris a' chàlaidh.

Tomhais brìgh an t-seanfhacal seo mus èist thu ris a' mhìneachadh.

Sreap a' chait ris a' chàlaidh

Taic: càlaidh - balla eadar dà rùm

Mìneachadh: Sreap a' chait ris a' chàlaidh. Uill, b' e an càlaidh am balla a bha eadar dà rùm ann an taigh. Nuair a tha cat a' sreap thèid e suas a' chiad phìos de bhalla gu math luath ach, mar as àirde a tha e a' dol, 's ann as slaodaiche a tha e a' fàs.

Mar sin, sreap a' chait ris a' chàlaidh, nuair a tha rudan a' fàs caran duilich dhut.