Peatan: ceistean air an earrainn a' leantainn

Leugh na ceistean a leanas mus èist thu ris an earrainn, an uair sin, èist agus freagair na ceistean.

Earrann èisteachd - Peatan

Question

8. Dè is urrainn dhut innse do dhaoine eile mu na chuala tu?

Is urrainn dhomh innse mu bheathaichean agus mu pheatan, oir tha barrachd fiosrachadh agam a-nise mun deidhinn.

Is urrainn dhomh innse dè a dh'ionnsaich mi bhon òraid agus dè a' bhuaidh a bha aig an òraid orm.

Question

9. Dè cho freagarrach 's a bha astar-bruidhne an neach-labhairt?

(a) Freagarrach, oir chaidh na briathran a labhairt gu soilleir, gun a bhith ro luath no ro shlaodach, airson fiosrachadh agus eòlas freagarrach a thoirt dhuinn. Bha e soilleir dè bha e airson a ràdh rinn, a' cur an aon chuideam air dà thaobh a' chuspair.

(b) Freagarrach gu ìre, oir ged bha dà thaobh a' chuspair ga thoirt seachad, bha an neach-labhairt a' bruidhinn ro luath/shlaodach – mar sin cha robh na briathran uile no a' bhrìgh soilleir gu leòr.

Question

10. A bheil thu a' smaoineachadh gun robh an òraid:

(a) inntinneach,

(b) fiosrachail,

(c) dùrachdach,

(d) neo-bhuntainneach?

Mìnich do fhreagairt.

(a) (i) Bha e inntinneach beagan fhaighinn a-mach mu eachdraidh pheataichean anns an Èiphit.

(a) (ii) Cha robh. Chan eil ùidh agam ann am beathaichean, agus chan eil peata agam.

(b) (i) Bha. Dh'innis i dhuinn mu mar a thàinig cuid de bheathaichean fiadhaich gu bhith nam peatan.

(b) (ii) Cha robh. Dh'fhaodadh am fiosrachadh a bhith air a leudachadh.

(c) (i) Bha. Bha ùidh aig an neach-labhairt ann am beathaichean fiadhaich 's ann am peatan.

(c) (ii) Cha robh. Cha robh e a' moladh taobh seach taobh den argamaid.

(d) (i) Bha – do dhaoine aig nach eil ùidh ann am beathaichean.

(d) (ii) Cha robh - do dhaoine aig a bheil ùidh ann am beathaichean.