Peatan: tuilleadh cheistean air an earrainn

Leugh na ceistean a leanas mus èist thu ris an earrainn, an uair sin, èist agus freagair na ceistean.

Earrann èisteachd - Peatan

Question

5. An do dhùisg an òraid faireachdainnean sam bith annad fhèin nuair a chuala tu i?

(a) Dhùisg, oir tha peata(n) agam fhìn (agus is toigh leam iad).

(b) Chan do dhùisg, oir chan eil peata(n) agam.

Question

6. An do dh'atharraich thu d' inntinn mu bhith a' cumail pheatan às dèidh dhut an òraid a chluinntinn?

(a) Dh'atharraich. Tha mi den bheachd a-nise gu bheil/nach eil e freagarrrach dhomh peata a bhith agam.

(b) Cha do dh'atharraich. Bha mi a' smaoineachadh roimhe seo gu bheil/nach eil e freagarrrach dhomh peata a bhith agam.

Question

7. Dèan geàrr-chunntas san fharsaingeachd air na prìomh phuingean a chuala tu san òraid.

Tha argamaidean ann airson, agus an aghaidh, peatan a bhith againn. Tha an neach-labhairt a' coimeas shuidheachaidhean pheatan agus bheathaichean fiadhaich. Tha e a' feuchainn ris an dà shuidheachadh a chothromachadh.