Peatan: earrann èisteachd

Seo cothrom sgilean èisteachd a leasachadh aig Àrd Ìre. Leugh na ceistean mus èist thu ris an earrainn, an uair sin, èist agus freagair na ceistean.

Earrann èisteachd - Peatan

Peatan: ceistean air an earrainn

Question

1. Cò an luchd-èisteachd air a bheil an neach-labhairt ag amas leis an òraid mu pheatan?

Tha e a' bruidhinn ri daoine aig a bheil peata(n) no a tha a' smaoineachadh air peata(n) fhaighinn.

Question

2. Ciamar a tha an neach-labhairt a' cur taic ri na puingean a tha e a' togail san òraid?

Tha e ag innse bheachdan dhaoine a tha ag aontachadh gu bheil e freagarrach peatan a bhith againn agus beachdan dhaoine nach eil ag aontachadh.

Question

3. Dè cho soirbheachail 's a tha an òraid ann a bhith a' foillseachadh bheachdan eadar-dhealaichte mu pheatan?

Tha i soirbheachail, oir tha i ag innse dà bheachd mun chuspair.

Question

4. An robh beachdan san òraid ris an robh thu ag aontachadh?

Bha.

(i) Bha mi ag aontachadh ri daoine nach robh ag iarraidh peatan a chumail, oir tha e mì-nàdarrach beathaichean a chumail mar pheatan.

(ii) Bha mi ag aontachadh ri daoine a bha ag iarraidh peatan a chumail, oir tha peatan a' toirt toileachas dhuinn.