Iasad den chàr: earrann èisteachd

Tha Iain is Màiri agus am mac, Calum, cruinn mun bhòrd aig crìoch an dinneir tràth feasgar Dihaoine.

Leugh na ceistean mus èist thu ris an earrainn, an uair sin, èist agus freagair na ceistean.

Iasad den chàr: ceistean air an earrainn

Question

1. Ciamar a tha Calum a’ sealltainn gun robh e mì-chinnteach mu a smuaintean innse da phàrantan?

Tha stad a’ tighinn sa chainnt aige - "Uill ... um ...um..."

Question

2. Carson a bha teagamhan aig pàrantan Chaluim mu dheidhinn a bheachdan?

Bha Ceann na Drochaid fada air falbh agus duilich faighinn thuige.

Rathad lùbach air an dùthaich
Lùban air rathad cumhang

Question

3. Dè an ìre gus an robh athair is màthair Chaluim ag aontachadh ri chèile?

Bha làn aonta eadar athair is màthair Chaluim.