Beachdan mun chogadh ag atharrachadh sna SA

B' e am prìomh adhbhar eile nach b' urrainn dha na SA an cogadh a bhuannachadh nach robh taic aca bho shluagh nan SA. Bha an t-uabhas a' togail fianais an aghaidh a' chogaidh agus bha sgaradh bheachdan ann an Ameireaga. Thòisich cuideachd gluasad mòr a bha airson a' chogaidh. Bha mòran dhe na saighdearan a bh' air a bhith sa chogadh ag ràdh gur e luchd-brathaidh agus comannaich a bha san fheadhainn a bha a' cur an aghaidh a' chogaidh.

Sìochantairean le soidhne 'Stop the war' agus saighdearan mun coinneimh
Sìochantairean le soidhne agus saighdearan mun coinneimh

Bha iomadh duine agus buidheann an aghaidh a' chogaidh agus airson diofar adhbharan.

Fiosrachadh sna meadhanan

B' e seo a' chiad chogadh a chunnaic daoine air an telebhisean. Bha aithrisean a' tighinn bho luchd-naidheachd a chaidh a Bhietnam a lorg sgeulachdan. Bha dealbhan air an TBh agus ann am pàipearan-naidheachd de dhaoine neoichiontach gam marbhadh, gan leòn no gam pianadh. Bha mòran dhe na h-Ameireaganaich air an uabhasachadh agus thionndaidh iad an aghaidh a' chogaidh.

Daoine an aghaidh taic do riaghaltas Bhietnam a Deas

Bha Ameireaga air gealladh a thoirt do Riaghaltas Bhietnam a Deas gun toireadh iad taic agus dìon dhaibh, ach chaidh a shealltainn gun robh iad coirbte agus an aghaidh deamocrasaidh. Bha mòran Ameireaganach a' faighneachd ciamar a b' urrainn do Riaghaltas nan SA taic a thoirt dhan riaghaltas ainneartach seo. Bu chòir dha na SA a bhith a' sabaid airson saorsa agus deamocrasaidh a dhìon.

Bha e soilleir nach robh luchd-tuatha Bhietnam a' cur fàilte sam bith air saighdearan Ameireaga. Bha mòran de mhuinntir Ameireaga a' faighneachd carson a bha an dùthaich aca an sàs sa chogadh mura robh sluagh an àite gan iarraidh.

An aghaidh an fhoireann

B' e am 'Foireann' a chante ri bhith a' togail fireannaich Ameireaga a dh'arm nan SA, agus mhair e bho 1954-1975. Nuair a thòisich mic, bràithrean agus athraichean air a dhol dhan chogadh, thòisich daoine a' faighneachd am b' fhiach e. B' ann air na h-Ameireaganaich Dhubha a bu mhiosa a bhuail am Foireann.

Bha mòran de mheadhan-chlas Ameireaga an aghaidh a' chogaidh oir ann an 1967, bha an reat-bàis air a dhol suas gu 160 gach seachdain.

Gluasad nan còraichean catharra an aghaidh a' chogaidh

Bha luchd-iomairt chòraichean catharra an aghaidh a' chogaidh. Bha iadsan a' sabaid airson barrachd chòraichean do dh'Ameireaganaich Afraganaich sna SA. Chaidh mòran de dh'Ameireaganaich Afraganach a thogail dhan chogadh, agus seach gun robh iad ùr, glè thric bha iad a' faighinn nan obraichean bu mhiosa sna h-àiteachan bu mhiosa. Chaill Muhammad Ali an tiotal-bogsaidh aige seach gun do dhiùlt e sabaid sa chogadh.

An òigridh an aghaidh a' chogaidh

Thàinig a' phrìomh ghearan an aghaidh a' chogaidh bho oileanaich. Sna 1960an, thòisich gluasadan a bha a' togail fianais an aghaidh a' chogaidh ann an Calafòrnia, ach sgaoil e dhan h-ùile prìomh bhaile agus dha na h-oilthighean air feadh Ameireaga ann an 1968.

Murt Stàit Kent (4 Cèitean 1970) - Chaidh ceathrar oileanach a bha a' togail fianais gu sìtheil aig Oilthigh Stàit ann an Ohio a mhurt le Fir-dìon Nàiseanta Ohio agus iad aig ralaidh an aghaidh a' chogaidh air a' champus aig àm dinnearach.

Sìochantairean (Pacifists)

Bha mòran a' creidsinn gun robh an cogadh ceàrr bho shealladh moralta. Bha gearanan mòra air feadh Ameireaga, le cuid dhiubh ann a' Washington san Dùbhlachd 1969. Bha seinneadairean a' sgrìobhadh òrain an aghaidh cogadh agus òrain a bha a' càineadh Cogadh Bhietnam fhèin. Sgrìobh Bob Dylan Masters of War agus sgrìobh John Lennon Give Peace A Chance.

Luchd-poilitigs an aghaidh a' chogaidh

Chosg Riaghaltas nan SA airgead smaointinneach air a' chogadh, agus dh'fhaodadh iad a bhith air an t-airgead sin a chosg air cùisean aig an taigh. Thòisich cuid dhen luchd-poilitigs a bha taiceil dhan chogadh an toiseach, leithid Robert McNamara, air a dhol na aghaidh agus cha robh iad airson na SA a bhith an sàs ann.