Adhbharan nach b' urrainn dha na SA buaidh fhaighinn air na Bhietcong

Innleachdan neo-èifeachdach nan SA

Cha b' urrainn dha na SA na Bhietcong (facal airson duine sam bith à Bhietnam a bha a' toirt taic do chomannachd agus dhan cheann a Tuath) a chur fodha. Tha iomadh adhbhar airson sin.

Innleachdan armailteach Ameireaganach

Dh'fheuch na h-Ameireaganaich an cogadh a bhuannachadh bhon adhar. Bha an dòigh-obrach aca uabhasach borb. Mar thoradh air a bhith cho borb agus cho beag faireachdainn, thionndaidh iad muinntir Bhietnam nan aghaidh.

Bailtean ro-innleachd

Gus nach faigheadh na Bhietcong air falach ann am bailtean sa cheann a deas, chaidh luchd-tuatha Bhietnam a Deas a chur às na bailtean aca agus an gluasad gu 'bailtean ro-innleachd'. Bha uèir bhiorach timcheall nam bailtean sin agus bha iad fo smachd nan Ameireaganach. Bha an luchd-tuatha an aghaidh seo oir bha iad fada bho chladhan an sinnsirean agus bho na tuathanais aca a bha iad air àiteach fad ghinealaich.

Opairèisean Rolling Thunder (1965-68)

Bha na SA a' bomadh mòran thargaidean gnìomhachais ann a' Bhietnam a Tuath gus stad a chur air feachdan agus buill-airm bho dhol dhan cheann a Deas. Cha robh mòran thargaidean gnìomhachais sa cheann a Tuath agus , ri linn sin, cha robh sin èifeachdach. Glè thric cha robh na bomaichean a' bualadh nan targaidean agus bhiodh iad a' bualadh ann an sgoiltean is ann an ospadail.

Opairèisean Trail Dust

Chleachd na SA buill-airm cheimigeach, Napalm (peatrail air a dhèanamh tiugh) agus Agent Orange (puinnsean luibhean uabhasach làidir). Bha seo air a chleachdadh airson duilleach a mharbhadh san fhàsach oir bha sin na àite-falaich nàdarra dha na Bhietcong. Bha iad cuideachd airson gum faiceadh iad Slighe Ho Chi Minh, slighe bathair nam Bhietcong. Ghlan an Napalm às mòran dhen duilleach air a' ghrunnd, ach bha e cuideachd a' steigeadh ri daoine agus ag adhbharachadh leòintean uabhasach. Ghlan Agent Orange às an duilleach cuideachd, ach chuir e às cuideachd do thuathanasan iomadh neach neoichiontach, do bhàrr agus do bheathaichean.

Plèana a' frasadh Agent Orange thairis air Bhietnam
A' frasadh Agent Orange thairis air Bhietnam

Miseanan lorg is sgrios

Dh'fheuch na SA, le bhith ag obrachadh bho fhiosrachadh-faire, ri cur às dha na Bhietcong ann am bailtean a' chinn a Deas. Bhiodh iad a' tighinn a-steach ann a' heileacoptair agus a' marbhadh dhaoine a bha iad a' smaoineachadh a bha de mhuinntir a' Bhietcong. Chaidh iomadh neach neoichiontach a mharbhadh. Ann an 1968, chrìochnaich misean baile My Lai nuair a chaidh boireannaich, clann agus mòran dhaoine neoichiontach eile a mharbhadh.

Bha muinntir Bhietnam daonnan air an glacadh san t-sabaid eadar an dà thaobh agus thòisich iad a' faighneachd an robh Arm nan SA dha-rìribh air an taobh. Thòisich daoine a' gabhail gràin air na feachdan Ameireaganach.