Adhbharan airson Na Stàitean Aonaichte a bhith an sàs ann

'S e dùthaich ann an Ear-dheas Àisia a th' ann a' Bhietnam. Bha corra adhbhar, sa cheann fhada agus sa gheàrr-ùine, a tha a' mìneachadh carson a chaidh na SA an sàs ann a' Bhietnam aig deireadh nan 1950an.

Adhbhar 1 - Neo-eisimeileachd Bhietnam

Ron Chiad Chogadh bha Bhietnam mar phàirt de dh'Ìmpireachd na Frainge.

Rè an Dara Cogaidh thug Iapan ionnsaigh air Bhietnam aig àm an Dara Cogaidh. B' e Ho Chi Minh ceannard nam Bhietminh, feachd a bha a' sabaid airson neo-eisimeileachd do Bhietnam.

An dèidh an Dara Cogaidh Ghlac Ho Chi Minh Hanoi ann an 1945 agus thuirt e gun robh Bhietnam a-nis neo-eisimeileach. Dh'fheuch na Frangaich ri smachd fhaighinn a-rithist, ach cha do chòrd sin ri daoine. Chaidh an cur fodha leis na Bhietminh aig Dien Bien Phu ann an 1954.

Bha còmhradh sìthe ann an Geneva agus chaidh aontachadh gum fàgadh na Frangaich Bhietnam agus gun deigheadh an dùthaich a sgaradh a rèir na 17mh Loidhne Cho-shìnte gus am biodh taghaidhean ann.

Cha deach na taghaidhean a chumail riamh agus dh'fhuirich an dùthaich na dà roinn:

  • Bhietnam a Tuath - Poblachd Chomannach air a riaghladh le Ho Chi Minh.
  • Bhietnam a Deas - Poblachd Chalpaireil air a riaghladh le Ngo Dinh Diem.
Map a’ sealltainn na 17mh loidhne co-shìnte a bha a’ sgaradh Bhietnam a Tuath is a Deas

Adhbhar 2 - Cogadh catharra

Ho Chi Minh, Ceannard Bhietnam a Tuath
Ho Chi Minh, Ceannard Bhietnam a Tuath

Bha na Bhietminh airson an dùthaich aonachadh fon cheannard Chomannach Ho Chi Minh. Bha mòran de mhuinntir Bhietnam a Deas a' toirt taic do Ho Chi Minh oir cha robh iad toilichte le Ngo Dinh Diem.

Thòisich cogadh eadar Tuath agus Deas. Bho 1958 thòisich barrachd is barrachd ionnsaighean aig Deas bho chomannaich ann a' Bhietnam a Deas fhèin. B' e Comann Nàiseanta na Saorsa (NLF: National Liberation Front) an t-ainm a bh' orra.

Adhbhar 3 - An Teòiridh Domino

B' e seo an creideas, nan gabhadh aon dùthaich ri comannachd, gun tachradh an aon rud dhan dùthaich ri taobh – coltach ri sreath dominoes a' tuiteam. Bha sin air tachairt san Roinn Eòrpa an Ear an dèidh 1945. Bha Sìona air gabhail ri comannachd ann an 1949, agus bha smachd aig na comannaich air Bhietnam a Tuath.

Bha eagal air na SA gun sgaoileadh comannachd gu Bhietnam a Deas agus an uair sin dhan chòrr de dh'Àisia. Cho-dhùin iad gun cuireadh iad airgead, bathar agus luchd-comhairleachaidh armailteach a chuideachadh Riaghaltas Bhietnam a Deas.

Adhbhar 4 - Riaghaltas lag ann a' Bhietnam a Deas

B' e ceannard coirbte a bh' ann an Diem agus dhiùlt e talamh a thoirt dhan luchd-tuatha. Cha bu toigh leis Buddhachd agus cha robh e math dha na Buddhaich a bha nam mòr-chuid san dùthaich. Mar thoradh air an sin, bha mòran de shluagh Bhietnam a Deas a' dol na aghaidh. Bha an luchd-tuatha ag iarraidh comannachd agus bha iad a' toirt taic dha na Bhietminh agus dhan NLF.

Ngo Dinh Diem, Ceannard Bhietnam a Deas
Ngo Dinh Diem, Ceannard Bhietnam a Deas

Ann an 1963, chuir an Ceann-suidhe Kennedy 16,000 'neach-comhairleachaidh' armailteach a chuideachadh feachd Bhietnam a Deas. Chaidh cur às do riaghaltas Diem. An dèidh sin, cha robh smachd aig riaghaltas làidir, calpaireil air a' cheann a Deas.

Adhbhar 5 - Tachartas Camas Tonkin (1964)

Thug Bhietnam a Tuath ionnsaigh air Nèibhidh nan SA ann an Camas Tonkin. Thug an tachartas sin leisgeul dha na SA a dhol an sàs barrachd sa chogadh.

Fuasgladh Camas Tonkin - Thug Còmhdhail nan SA cead dhan Cheann-suidhe Johnson a dhol a chogadh ri Bhietnam a Tuath. Ràinig a' chiad phrìomh bhuidheann de Shaighdearan-mara nan SA ann an 1965.

Fad nan deich bliadhna an dèidh sin, chaidh na SA an sàs sa chogadh barrachd is barrachd. Ann an 1968 bha còrr is leth mhillean saighdear Ameireaganach ann a' Bhietnam agus bha an cogadh a' cosg $77 billean gach bliadhna.