Sa Ghearmailt sna 1920an rinn na Nadsaidhean feum de phropaganda is ceannas Hitler son taic dhaoine fhaotainn. Thug sin cumhachd don Phàrtaidh Nadsaidheach an 1933.
Cò bha os cionn propaganda Nadsaidheach?
Goebbels
Himmler
Rohm
Carson a bha an t-eagal air na Gearmailtich beairteach ro chomannaich?
Bha comannaich airson gum biodh gnothachasan leis an riaghaltas agus gum biodh beairteas air a roinn ann an dòigh a bha co-ionann.
Bha comannaich airson gum biodh gnothachasan ann an sealbh prìobhaideach.
Bha comannaich airson gnothachasan a dhùnadh.
Cuin a thachair Briseadh Wall Street?
1933
1925
1929
Cuin a thàinig Hitler gu bhith na Sheansalair air a’ Ghearmailt?
1930
1936
Cò air an deach a’ choire airson an teine san Reichstag?
Na Nadsaidhean
Na Comannaich
Na Sòisealaich
Ciamar a chleachd Hitler Teine an Reichstag gu mhath fhèin?
Chuir e mòran de cheannardan comannach dhan phrìosan..
Chuir e na comannaich gu lèir a-mach às a’ Ghearmailt.
Leig e van der Lubbe mu sgaoil airson gum biodh e fhèin a’ coimhead tròcaireach.
Dè an achd a thug cead do Hitler laghan a dhèanamh gun bhruidhinn ris a’ phàrlamaid?
Achd Teine Reichstag
Concordat
Achd a’ Chomasachaidh
Dè thachair Oidhche nan Sgeinean Fada?
Chaidh mòran de cheannardan an SS a chur gu bàs.
Chaidh mòran de cheannardan nan Comannach a chur gu bàs.
Chaidh mòran de cheannardan an SA a chur gu bàs.
Cuin a fhuair Hitler an t-ainm Fuhrer na Gearmailt?
1932
1934