Nadsaidhean a' daingneachadh an cumhachd

Hitler a' dèanamh òraid
Hitler a' dèanamh òraid

Thug na tachartasan a leanas comas do Hitler agus dha na Nadsaidhean an grèim air cumhachd a dhaingneachadh agus b' e deireadh na cùise gun d' fhuair Hitler làn chumhachdan deachdaireachd agus an tiotal, Führer.

20 Màrt 1933

  • Chaidh a' chiad champaichean cruinneachaidh a stèidheachadh airson phrìosanach poilitigeach.

23 Màrt 1933 - Achd a' Chomasachaidh

  • Bhòt an Reichstag cumhachdan a thoirt do Hitler a leigeadh leis laghan a dhèanamh e fhèin.

26 Giblean 1933

  • Stèidhich Hitler an Gestapo, buidheann trusadh fiosrachaidh na Gearmailt Nadsaidhich.

2 Cèitean 1933

  • Chaidh cur às do dh'aonaidhean-ciùird.

14 Iuchar 1933

  • Chaidh a h-uile pàrtaidh poilitigeach a chasg ach a-mhàin am Pàrtaidh Nadsaidheach.
  • Chuir sin às do dheamocrasaidh oir cha robh feum air taghaidhean agus bha stàit le aon phàrtaidh air a chruthachadh.

30 Ògmhios 1934 - Oidhche nan Sgeinean Fada

  • Dh'adhbhraich an SA duilgheadasan le bhith ag iarraidh an t-arm a ghabhail thairis.
  • Cha dèanadh math do Hitler call taic an airm.
  • Mhurt an SS mòran de cheannardan an SA. Gu h-oifigeil chaill faisg air 100 ball am beatha, agus an ceannard, Ernst Röhm, nam measg.
  • Chuir sin às dhan h-uile duine a bha an aghaidh Hitler sa Phàrtaidh Nadsaidheach. Thug e cuideachd barrachd cumhachd dhan SS.

19 Lùnastal 1934 - Am Führer

  • Chaochail an Ceann-suidhe Hindenburg.
  • Dh'aonaich Hitler dreuchdan a' Chinn-suidhe agus an t-Seansalair agus chaidh e na cheannard air Arm na Gearmailt.
  • Ghabh e an tiotal Führer agus bha làn chumhachdan deachdaire aige.